sgrìobh mi sgeulachd!

An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

sgrìobh mi sgeulachd!

Unread post by neoni »

gu ìre, tha i steidchte air caraid agam - duine ris a bheil mi a' dèanamh mo chùrsa ghàidhlig a tha gu math measail air gràmar na beurla

chan eil i uabhasach fada agus chan eil i uabhasach doirbh ach 's e seo a' chiad sgeulachd cheart a sgrìobh mi sa ghàidhlig. 's dòcha gum bi cuideigin airson a leughadh? cò aige a tha fios.. co-dhiù - seo i!




Maighstir “Gadget”

An latha a bha seo, bha fear bochd à Kent ann aig an robh a' Ghàidhlig. Bha e gu math measail air matamataig cuideachd. 'S e Laurans MacRobhain an t-ainm a bh' air, ach 's e Maighstir “Gadget” no Maighstir Faclair a chanar ris. Airson adhbhar air choireigin, bha Laurans a' sùileachadh a bhith a' teagasg matamataig ann an Lunnainn – tro mheadhan na Gàidhlig.

“Carson?” dh'fhaighnicheadh a h-uile duine dheth, ach cha robh fiu 's esan cinnteach air sin, dìreach gum b' e sin a mhiann.

“...And, what would you bring to the school?” Arsa ceannard na sgoile ann am fear de na h-agallamhan a fhuair Laurans - air dòigh air choireigin.

“Uill,” thoisich e, “bha mi nam thidsear, agus bhithinn nam thidsear math nam fastadh sibh mi,” fhreagair ar Maighstir Faclair, ach cha robh an t-agallaiche idir ga thuigsinn air sgàth 's nach robh ach a' Bheurla agus a' Phortagailis aige 's cha robh sin gu bhith a' dèanamh feum dha Laurans. 'S mar sin, gu tur brònach, dh'fhalbh e a lorg sgoil far am b' urrainn dha matamataig a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig – gun a bhith a' dol a-mach an M25.

Cha robh taigh no fiu 's càr aige, ach cha robh siud a’ cuir dragh air idir, air sgàth 's gun robh rothair aige a bha gu math spaideil agus mòr, le magaidean daor 's àraid air fheadh agus bha sin gu leòr dhàsan. Bhiodh e a' dol mun chùirt air, a' feuchainn ris a’ Ghàidhlig a lorg ann an Lunnainn.

Aon latha, às dèidh dha mothachadh nach robh mòran dhaoine ann aig an robh a' Ghàidhlig, chuir e roimhe a' Bheurla ionnsachadh, gus am b' urrain dha obair fhaighinn tro mheadhan na Beurla. Choimhead e air an eadar-lìon agus lorg e rudeigin a bha dìreach a' coimhead mar an rud a bha e ag iarraidh - Sabhal Beag Khent, Colaiste Beurla Shasainn.

Thòiseach Laurans ag ullachadh. Cheannaich e tòrr fhaclairean Beurla, leabhraichean làn gràmar na Beurla 's a h-uile rud. Chuir e iad uile ann am poca mòr le chuid aodaich (agus botal no dhà fìon dìreach airson a bhith cinnteach!) agus le sin, bha e deiseil. Leum e air an rothair, 's dh'fhalbh e a dhèanamh air Sabhal Beag Khent.

Nuair a ràinig e SBK bha e cho dòigheil ri bròg. Às dèidh dha seo a dhèanamh, mu dheireadh thall, bhiodh e na thidsear matamataig – fiu 's nam biodh aige ri dhèanamh tro mheadhan na Beurla. Chòrd an t-àite-fuirich ris glan. Bha an sealladh brèagha fhèin, agus bha an t-side math airson a’ mhòr-chuid. Bha na daoine leis an do dh'fhuirich e cho còir sa ghabhas, agus cha b' urrainn dha Laurans a bhith nas measaile orra.

Cha robh iad cho cinnteach mu dheidhinn, ge-tà. Bhiodh iad an còmhnaidh a' feuchainn ri obair Bheurla a dhèanamh, ach bhiodh Maighstir Faclair a' sìor bhruidhinn air gràmar na Gàidhlig no freumh-fhaclachd no an leithid.

“An robh fhios agaibh co às a thànaig am facal “abairt”?”

“Cha robh, ach, a Laurans, tha sinne coma co-dhiù!”

Ach cha robh esan ag èisteachd, agus bhiodh e ag innse dhaibh a h-uile rud mu dheidhinn proto-indo-Eòrpach no Sanskrit no ge brith, ach bha e ceart gu leòr nuair a bha e a' bruidhinn mu dheidhinn rudan eile. Uill, a h-uile rud ach an dà sgeul a bh' aige. Mar a b' àbhaist dha a bhith na thidsear, agus a bhean aig an robh a’ Phortagailis, ach air mhodh eile, ge-tà, cha robh e cho dona.

Bhiodh duine an còmhnaidh a' faighneachd dhe Laurans carson a bha e airson teagasg sa Bheurla a-nis, agus bhiodh e a' freagairt leis an aon rud a h-uile turas. B' e sin gur e seo a tha dhith ann an saoghal na Beurla – deagh thidsearan matamataig. “Tha rùn agam,” chanadh e, “agus 's e mo rùn gun toir mi air an òigridh mothachadh dè cho cool sa tha matamataig, 's gum bi iad uile airson ionnsachadh!” Cha robh e gu diofar dha cia mheud turas a thuirt daoine gun robh e cracte, – no rudan nas mì-mhodhaile, - cha sguireadh Maighstir Faclair, fear a' Mhatamataig.

Co-dhiù, 's ann mar seo a bha cùisean airson greiseig. Laurans ag ionnsachadh a' Bheurla agus a charaidean seachd searbh sgìth de ghràmar na Gàidhlig. Aig dìreadh na bliadhna, bha e cho fileanta ris a' bhàrd 's mar sin - cheumnaich e agus aon uair ‘s gun robh na pàrtaidhean seachad, thoiseach e feuchainn ri obair a lorg, agus - abair fortan! - cha robh trioblaid sam bith gu bhith aige a-nis agus fhuair e a-steach dhan a' chiad obair anns an do chuir e ainm. Thuirt ceannard na sgoile gun tòiseachadh Laurans air a' chiad latha den t-Sultain, agus bha Laurans cho toilichte 's nach d' rinn e càil ach leughadh na leabhraichean Matamataig fad' an t-samhraidh.


Mar sin, chaidh an samhradh seachad gu math luath agus cha mhòr nach do mhothaich Laurans – leis cho cruaidh ‘s a bha e a' leughadh agus ag obair air a' chuspair a bhiodh e a' teagasg – gur ann air an ath latha a thòisicheadh e! Chaidh e na chadal gu math tràth an oidhche a bha siud gus am biodh e deiseil agus deònach agus gu tur air ullachadh airson teagasg an ath latha.

'S e latha uabhasach brèagha a bh' ann nuair a dhùisg e, agus smaoinich esan gum b' e deagh mhanadh a bha sin, agus dh’èirich e leis a' ghàire as motha a chunnacas a-riamh. Rinn e bobhla mòr lite agus muga mòr teoclaid teth. Nach esan a bha cofhurtail toilichte!

Ach, dìreach nuair a shuidh e sìos aig a' bhòrd, thàinig mothachadh uabhasach a-steach air. Bha a leabhraichean matamataig uile anns a' Ghàidhlig, agus air sgàth 's nach do rinn e rud sam bith ach an leughadh agus air sgàth 's nach do rinn e càil leis a' Bheurla, anns an robh e buileach fileanta dìreach trì mìosan air ais, bha e air a h-uile rud a dhìochuimhneachadh, ach facal no dhà gun fheum. “Dictionary, lexicon, grammar” thoiseach e na faclan sin a bh' aige a ràdh a-rithist agus a-rithist, an dòchas gun tigeadh na faclan eile air ais, ach cha do dh'obraich sin idir.

“Dè nì mi??” Smaoinich e ach, mar as àbhaist, bha an seann nàmhaid gu bhith ga ghlacadh, agus cha robh dad ri dhèanamh ach dol dhan sgoil co-dhiù.

“Ciamar a bha mi cho gòrach ri sin?” Thuirt e ris fhèin fhad 's a bha e air a rothair dhan sgoil. Bha e ag èisteachd ri BBC rèidio nan Sasannach air an rèidio-rothair a bh' aige ach cha do thuig e facal sam bith. 'S cinnteach gun robh a' Bheurla fhathast na cheann, an àiteigin, ach bhiodh e gun fheum sam bith mura b’ urrainn dha dad a chuimhneachadh agus bha an t-eagal air nuair a ràinig e geata na sgoile.

Ged a dh’èirich e cho tràth, 's ged a bha e a' faireachdainn cho ùr 's toilichte an uair sin, bha e a-nis gu tur gealtach agus bha e cuideachd caran fadalach. Airson an adhbhar sin, cha d'fhuair Laurans cothrom airson bruidhinn ris a' cheannard. Thuirt e far am bu chòir dha a bhith còig mionaidean ron sin, 's ruith Laurans dhan clas – gun fhios aig duine nach robh a' Bheurla aige.

Ach, bha rudeigin ceàrr anns a chlas. Bha boireannach na seasamh aig a' bhòrd dhubh a' teagasg. Bha Laurans cho troimhe-chèile 's gun do dhìochuimhneachadh e gum bu chòir dhan Bheurla a bhith aige 's dh’èibh e;

“Thusa! Dè tha thusa a' dèanamh? 'S mise an tidsear!!”

“Nach tusa Laurans MacRobhain? Tha thusa nad oileanach!”

Dh'fhalbh e gun dàil agus lorg e an ceannard 's bhruidhinn e ris. A rèir na thuirt esan, bha troimhe-chèile ann, agus fhuair Laurans a-steach mar oileanach gun-fhiosta dhasan. Thuirt an ceannard gun robh e uabhasach duilich, ach smaoinich e nach robh a’ Bheurla aig Laurans idir math gu leòr airson a bhith a’ teagasg – ach gum b’ e deagh oileanach a bh’ ann. Smaoinich Laurans gun robh e a’ dèanamh tàir air agus bha e cho fiadhaich às dèidh dha seo a chluinntinn 's gun do ruith e a-mach às an togalach, agus mus b’ urrainn ceannard na sgoile dad a dhèanamh no a ràdh, bha Laurans air leum air an rothair aige, agus dh’fhalbh e.

Às-dèidh an latha doirbh sin, chan fhaca duine Laurans bochd a-rithist, agus chan eil fhios aig duine càit’ an deach e.

Ach canar gun urrainn dhut guth a chluinntinn ma choisicheas tu sìos sràid fhalamh ann an Lunnainn air oidhche fhuar dhorcha shàmhach. 'S ann gu math fad às a tha an guth seo, a rèir na sgeulachdan a tha ri chluinntinn, ach ma dh'èisteas tu gu faiceallach, cluinnidh tu cuideigin brònach ag èigheach;

“Dictionary... lexicon... grammar!!!”
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Sin thu fhèin Neoni, chòrd sin rium glan. Cùm ort le do cuid sgrìobhaidh, tha cruaidh fheum air a leithid. :)
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Chòrd i agus riumsa. Tha i gu math èibhinn cuideachd :lol:
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Rù-ra
Posts: 43
Joined: Fri Sep 21, 2007 4:38 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Muile, Alba

Unread post by Rù-ra »

Math fhèin, a Neoni.
Image :lol: Image :lol: Image
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

tapadh leibh uile \:D/
Coinneach Cìr
Rianaire
Posts: 333
Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
Language Level: Fileanta
Corrections: I'm fine either way
Location: Siorrachd Rinn Friù
Contact:

Unread post by Coinneach Cìr »

Chòrd i rium glan, ceud taing!
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Unread post by Tearlach61 »

Sgeulachd inntinneach 's tlachdmhor. Meall do naidheachd. Chuck
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Uill tha thu a'sgriobhadh 'sa Ghàidhlig nas fhearr na mise, tha sin cinnteachd. Tha mòran obair agam roimhe deaneamh stùth coltach ri sin. :mc:
Post Reply