Beachd bhon t-saoghal fodha a chàirdean...
"Mar a thuirt Dwelly, "se obair là toiseachadh...ach se obair bheatha crìochnachadh". Ann an saoghal pholataigs canar gur e ùine fhada a th'ann an seachdainn. Co-dhiù no co-dheth, tha mi a' saoilsinn gun robh ùine gu leòr aig an iomairt 'Yes' rudeigin a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha fhios gu bheil cuid a dhaoine air sgrìobhadh thuca faighneachd an dèan iad an dearbh rud sin.
Ach, freagairt... cha d'fhuaireadh. Cha chuala mise guth bhuapa co-dhiù.
Gu sìmplidh, se a' cheist a bhios fainear do shluagh na h-Alba:
A bheil thu ag aontachadh gu bu choir Alba a bhith neo-eisimeil?
Beachd eile aig Silicon Glen
Ma tha, se am freagairt iomchaidh "
Tuilleadh air Taigh na Croiche
http://radgedug.blogspot.co.uk/2012/07/ ... dhlig.html
Iomairt na Saorsa - Cà bheil a' Ghàidhlig?
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Iomairt na Saorsa - Cà bheil a' Ghàidhlig?
Actually, tha àm airson achmhasan, àm airson céilidh. Leis cho aineolach 's a tha a' mhòrchuid de dhaoine, b' fhearr leam a' Ghàidhlig a chumail a-mach às an deasbad mu neo-eisimeileachd. Gheibheadh tu an sluagh àbhaisteach a' sgreuchail mar sgairbh an aghaigh na Gàidhlig agus aig deireadh an latha, chan eil ceist na Gàidhlig a' dol a bhuannachadh na cùise dhuinn.
Bidh againn ri coiteachadh air a son aig deireadh an latha, neo-eisimeileachd ann no às. Mar sin, 'nam bheachd-sa, chan e blàr na Gàidhlig a tha seo.
Bidh againn ri coiteachadh air a son aig deireadh an latha, neo-eisimeileachd ann no às. Mar sin, 'nam bheachd-sa, chan e blàr na Gàidhlig a tha seo.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Rianaire
- Posts: 1432
- Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
- Language Level: Fluent (non-native)
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Sruighlea, Alba
- Contact:
Re: Iomairt na Saorsa - Cà bheil a' Ghàidhlig?
B' fheàrr agus leamsa. Tha mi airson neo-eisimeileachd, agus cha bhiodh anns a' Ghàidhlig ach "enough rope to hang ourselves".akerbeltz wrote:Leis cho aineolach 's a tha a' mhòrchuid de dhaoine, b' fhearr leam a' Ghàidhlig a chumail a-mach às an deasbad mu neo-eisimeileachd.