Blasan nan Uibhistich

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Blasan nan Uibhistich

Unread post by Thrissel »

Leugh mi aiste mu dheidhinn ghealagan-buachair agus tha fear Jamie Boyle o RSPB Scotland ag ràdh ann, "Just as it is possible to tell whether someone is from North or South Uist by listening carefully to their voices, so it is possible to do the same with corn buntings." Tha sin inntinneach - an e fìrinn gur ann blas Uibhist a Deas agus blas Uibhist a Tuath cho eadar-dhealaichte?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Blasan nan Uibhistich

Unread post by Seonaidh »

'S e. Sin na chuala mi co-dhiù.
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Blasan nan Uibhistich

Unread post by AlasdairBochd »

Dh'fhaighnich mi air caraid à Beinn nam Fadhla o chionn uair a thìde agus thuirt e rium gu bheil eadar-dhealaichte mòr eadar blas Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas (agus Barraigh 's Beinn nam Fadhla). Cha robh e eòlach air na h-eòin co-dhiù.
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Blasan nan Uibhistich

Unread post by Thrissel »

Mòran taing a chàirdean!
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Blasan nan Uibhistich

Unread post by faoileag »

Tha sin fìor fiù's eadar bailtean beaga gu math faisg air chèile, no eadar nàbaidh-paraistean, air an tìr-mhòr.

Feumaidh cuimhn' a bhith againn gun robh coimhearsneachdan gu ìre mhath neo-eisimileach fad mòrchuid nan eachdraidh, gu tric co-dhiù, agus cuideachd gun robh diofaran den leithid feumail mar chomharran bunntainn do choimhearseachd shònraichte, m.e. a thaobh chòraichean-iasgaich no tuathanachais, no dleastanasan coimhearsneachdail no fiù's armailteach.

Nach eil / robh e mar sin air feadh an t-saoghal?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Blasan nan Uibhistich

Unread post by akerbeltz »

'S mathaid gum b' fheairrde dhuinn a ràdh gun "aithnichear Deasaich is Tuathaich" air an cuid blas ... seach gu bheil "diofar mòr" eatarra. Agus cuideachd, tha beachd mar sin an-còmhnaidh a' crochadh air cò ris a tha thu bruidhinn. 'S toigh le luchd-cànanachais na NORMS (non-mobile rural male speakers) - an fheadhainn aig am bi am blas as treas' a ghnàth ach chan eil sin ri ràdh idir gu bheil blas cho làidir aig a h-uile duine no nach eil iad comasach air blas nas aotruime a chleachdadh. Tha feadhainn ann an Glaschu nach tuigeadh tu an cuid Beurla no Beurla Ghallda ach air an làimh eile tha feadhainn ann a rugadh 's a thogadh an-seo 's gun dad aca ach blasad dhen chainnt Albannach agus an fheadhainn a ghluaiseas gun duilgheadas eadar an dà rud.
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Blasan nan Uibhistich

Unread post by Thrissel »

Tha thu ceart, Fhaoileig; dhìochuimhnich mi gu bheil an dùtchaich anns an do thogadh mi gu math landward agus mór-shluaghach an coimeas ris na Gàidhealtachd le astaran mòra eadar clachain agus le coimhearsnachdan nan eilean air an sgaradh air sàilleibh an t-uisge eatorra - mar sin, tha an "dialect continuum" ag atharrachadh gu math nas "mean air mhean" thall an-siud.

"Tha feadhainn ann an Glaschu nach tuigeadh tu an cuid Beurla no Beurla Ghallda..." Feadhainn, a Mhìcheil? Multitudes dhomhsa! :?
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Blasan nan Uibhistich

Unread post by AlasdairBochd »

faoileag wrote: Nach eil / robh e mar sin air feadh an t-saoghal?
Cinnteach gu bheil thu ceart. Tha e foilleasach dhuinn an a seo air am blas Sydney an Ear an taca ri Sydney an Iar, ged a tha e gu math sliogach. Nì sinn spors air am blas New Zealand cuideachd (agus iadsan oirnn fhèin), ged nach eil e foilleasach ri daoine eile.
Post Reply