Tha moran den bheachd gur e crioch a bh'ann eadar Gàidhlig agus Beurla Gallta mus tàinig Beurla gu Inbhir Nis agus Inbhir Narann le Cromwell. Co-dhiù bha blas Siorrachd Narann fhein fhathast beo suas gu an darna phart den 1900s ach 's e sgeulachd eile a tha sin.
Tha e math a bhith faicinn gu bheil fàilte air beagan Gaidhlig air a leithid sgire taobh a-muigh na Gàidhealtachd. 'S e àite annabharrach fhein feumail a th'ann am Moray Waste Busters ann am Farrais cuideachd. Faodaidh tu a h-uile seorsa rud a cheannaich. Stuth a chaidh ath-chuairteachadh. Abair thusa gun deach moran stuth a chur gu feum an àite a dhol dhan t-sitig.

Làrach ath-chuairteachadh ann an Farrais le dealbhan gurnnurn.com, air Flickr

Làrach ath-chuairteachadh ann an Farrais ledealbhan gurnnurn.com, air Flickr