Tha an righaltas Lunnainn airson Oifis a' Phùist Sràid a' Chala a dhùnadh. 'S e iadsan a tha fhathast os cionn sin a dh' aindeoin gu bheil pàrlamaid againn ann an Dùn Eideinn. Tha muinntir Baile nan iasgairean air bhoil agus mòran sna sgìrean eile cuideach. Tha mòran, mòran seann dhaoine a' fuireach san sgìre sin agus tha an oifis a' phùist eile leth-mile air falbh agus fiù 's ma bhios càr agad chan eil àite parcaidh ri fhaighinn thall an sin.
Tha sinn uile air bhoil agus a' faireachdainn gu bheil riaghaltas Lunnainn a' toirt ionnsaigh air a' choimhearsnachd againn.
.
PS bha ceithir aig an robh Gàidhlig bho thùs a' gabhail pàirt an diugh agus mise le mo chuid dhroch Ghàidhlig lol.
PPS 'An tusa a tha làimhseachadh an t-soidhn Ghàidhlig?'
Tha lol
Uill, thachair an dearbh rud ann an Canada, dhùn iad mòran ofisean-a-puist ionadail agus 's e fìor droch sheirbhis a th'aca a-nis. Ma tha caraid acad ann an Canada is tha thu airson pacaid a chur thuca, seo mo chomhlair dhut: cuir sa phuit sa bhad. Bith pàrantan mo bhean a tha a' fuireach ann am Montreal, bith iadsan a' dol do na Stàitean Aonaichte nuair a chuireas iad rud sam do na Stàitean Aonaichte neo a dh'àite sam bith eile. 'S e mìos neo a bharrachd do phacaid faighinn ann neo às a' Chanada fhèin.