Tha an an leabhar le Mairi Anna NicDhomhnaill ri chluinntinn gach latha an t-seachdain seo airson cairteal na h-uaireach gach latha, aig 9.45am air program Choinnich Mhoir air Radio nan Gaidheal. 'S bochd nach eil tuilleadh den leithid seo ri cluinntinn air an RnanG, dhomhsa mar neach-ionnsachaidh tha e uabhasach fhèin feumail. Gheibh thu na MP3's air duilleig-lìn cuideachd, seo an ceangail.
Tha mi an dòchas gu bheil sin a' ciallachadh gu bheil an leabhar sin a' nochdadh ann an cruth CD latha dhen na làithean. Leugh mi e is chòrd e rium gu mòr. Tha e gu math èibhinn 's loma-làn de gnàthsan-cainnt a bhios feumail do na luchd-ionnsachaidh.