Dà thachartas oillteil agus dà fhreagairt nach ionann idir.

Càil sam bith eile / Anything else
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Dà thachartas oillteil agus dà fhreagairt nach ionann idir.

Unread post by An Gobaire »

An do leugh sibh mu dheidhinn an sgrios marbhtach a chaidh a dhèanamh air muinntir Tokyo ann an Akihabara bho chionn greis, le fear is làraidh 's sgian aige?

Niste, thachair rudeigin coltach ris an sgrios seo an t-seachdain sa chaidh, ann an Ierusalam. Fear Palastaineach air bhoile a' bualadh air 's a' pronnadh sìobhaltaich sa bhaile sin air cùl cuibhle tarbh-chrainn.

An dèidh na thachair ann an Akihabara, Tokyo, bha beachdachadh geur agus sùil sgrùdaidh an aithreachas anns na meadhanan Iapanach air ciamar a dh' èirich uiread de ghràin ann an cridhe an neach seo. Dè dh' adhbhraich e. Dè bu chòir a dhèanamh gus bacadh a chur air rudeigin mar seo, gus nach tachair a-rithist e. Chuir iad a' choire air iomadh nì ann am beatha an fhir sin. A bharrachd air seo, a dh' aindeoin na rinn e, chaidh am fear a ghlacadh beò leis a' phoileas aig an àm.

Ach dè thachair ann an Ierusalam? Leugh mi, gur e prìomh fhreagairt a thug ceannard Iosrael, Ohlmert, gum bu chòir dhaibh dachaigh teaghlach an eucoireach a leagail chun làir mar pheanas. Bha e a' gabhail brath air na thachair gus an clàr-dubh aig na zionach a chur air adhart, agus a' cumail a' dol a' fuadach nam Palastaineach, gan spìonadh às na freumhan aca.

A thuilleadh air sin, cha deach aca air an fhear seo a chur an greim beò. Comharra eile air dè an saoghal a th' aca ann an sin. Suairceas a dhith anns an t-sòisealtas aca.

Am bheil ùidh aig daoine an seo air na coimeasan agus na diofaran seo?

NUair a thig e gu h-aon is gu dhà, chan eil diofar mòr sam bith ann eadar na rinn fear Akihabara, agus fear Ierusalam. Chanadh tu, 's dòcha, gur e an èiginn a tha bualadh air muinntir Phalastain nan dùthaich fhèin air sgàth poileasaidhean fòirneartach nan zionach aon adhbhar gum bheil sgaradh eanchainn mar sin ann an cuid de dhaoine. Ach, tha Akihabara a' sealltainn gum faodadh rudeigin mar sin tachairt ann an dùthaich sam bith, gun teannachadh mòr farsainn a thoirt air muinntir an àite.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Saoilidh mi nach bu choir dhaibh a theaghlach a pheanasachadh. Cha dèan sin ach tuilleadh nàimhdeis a chruthachadh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Unread post by An Gobaire »

Ueill, sin e dìreach. Tha uallach aig gach neach fa leth air na gnìomhan aca fhèin. Ma pheanasaicheas iad an teaghlach aige, chan e sin ach dìoghaltas, 's chan eil e fiù 's buntainn ri ceartas no breithneachadh lagha idir.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Post Reply