Tha mi airson podcast a dhèanamh gu tùr anns a' Ghàidhlig, le bhith a' cleachdadh SKYPE, no MSN/WIndows Messenger, gus còmhradh le aoighean sònraichte a chlàradh air a' chompiùtar agam. An uairsin, feuchaidh mi ri AUDACITY a chleachdadh, gus a dheasachadh, agus ga fhoillseachadh air a' bhlog agam.
Mar sin dheth, tha mi sìreadh fileantaich agus luchd-ionnsachaidh a tha comasach air bruidhinn air diofar cuspairean sa Ghàidhlig. Cha leig sibh a leas a bhith coileanta, gun lochd sam bith nur cuid sgilean cànain, cho fad 's a tha sinn a' tuigsinn na tha sibh ag ràdh.
Bidh an còmhradh air an deasachadh an dèidh làimh cuideachd, mar sin, ma nì sinn mearachd, faodaidh sinn dìreach tòiseachadh a-rithist agus a' Ghàidhlig cheart a ràdh, an dàrna no fiù 's an treasaibh turas! Gabhaidh na mearachdan a ghearradh an dèidh a' ghnothaich air AUDACITY!
Ueill sin na tha mi an dùil a dhèanamh! Agus bu mhath leam, nam biodh ùidh aig na daoine as fileanta air an fhòraim seo anns a' chùis.
Tha mi an dùil togail air iomadh chuspair...aotrom agus ma dh' fhaoidte, trom uaireannan.
SAMHLA
Mar eisimpleir, a' bruidhinn air "feamainn" agus am biodh daoine mar sibh fhèin ga ithe, no mura h-eil, am biodh sibh deònach ga ceannach, agus mas ann às na h-eileanan a tha sibh, am b' àbhaist dha do sheanair is seanmhair a bhith ga h-ithe...mar sin air adhart.
SAMHLA 2
Bruidhinn air biadh an t-saoghail. Na diofar rudan a tha sinn ag ithe mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig nar còmhnaidh air feadh an t-saoghail. Na rudan as neònaich a tha sinn air ithe...msa.
SAMHLA 3
Dòighean ionnsachaidh na Gàidhlig an coimeas ri cànanan eile. A' cleachdadh coin gus còmhradh a thogail.... dìreach dòigh àbhachdail èibhinn sam bith!
Sin dìreach eisimpleir de na tha mi an dùil a dhèanamh, ma ghabhas e dèanamh!
Bhiodh stiùireadh sam bith ann a bhith a' cleachdadh SKYPE gus podcast mar seo a chlàradh air leth feumail!
Cuiribh fios thugam air an fhòram seo, air neo troimh p-d: steaphris@yahoo.co.uk
ID SKYPE: steafan28
Steafan Risnidh
Podcast ur Gaidhlig

- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Podcast ur Gaidhlig
Dèan buil cheart de na fhuair thu!

- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Tha mi an dòchas gun obraicheas seo.

Comhradh airson Podcast Gaidhlig hosted by steafan28.

Join now

Chat about what's on your mind. More about public chats.

Comhradh airson Podcast Gaidhlig hosted by steafan28.

Join now

Chat about what's on your mind. More about public chats.

Dèan buil cheart de na fhuair thu!