Hallo, is mise Sarah
-
- Posts: 1
- Joined: Fri Sep 05, 2008 11:29 am
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Inbhir Narann
Hallo, is mise Sarah
Hallo, is mise Sarah agus tha mi a'fuireach ann an Inbhir Narann. tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gáidhlig 5 bliadhna. Rinn mi an cursa bogainn aig a'cholaisde Inbhir Nis ach cha b'urrainn dhomh cursa comais a dheanamh oir dhúin iad an Roinn Gaidhlig, mar a sgriobh cuideigin mu thrath sa Forum seo. Co-dhiú, bidh mi a'teagasg na Gaidhlig pairt-thíde airson luchd-toiseachaidh ann an Inbhir Narann, agus tha sin a'córdadh rium gu dearbh. bu toigh leam a bhith a'cabadaich sa Ghaidhlig sa Forum seo! 's toigh leam cánanan, agus tha Gearmailtis,Duitseach agus Fraingis agam cuideachd.
Fàilte ort an seo, a Mhoragtoerag!
Inntinneach gun teagamh cothrom fhaighinn luch-ionnsachaidh a teagasg. Tha e cudromach gum bi luchd fileanta a' toirt an cuid Gàidhlig seachad gu luchd-ionnsachaidh nuadh.
Cum ort!
Leugh mi ann an àiteigin gun robh no gum bi Raoinn Gàidhlig aig a' Cholaiste Inbhir Nis a-rithist, ach nas lugha na roimhe. An e an fhirinn a th' ann?

- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Halò Sarah a charaid, ‘s fhada bhon uair sin, ciamar a tha thu?. A bheil thu a riamh air a’ phrìomh sràid sna làithean seo? ‘S math gum bi clasaichean a-rithist ann an Inbhir Narann. Tha cruaidh fheum orra. Bha mise airson a’ chùrsa Ulpan (teagaisg) a dhèanamh ach chuir e cus eagal orm. ‘S e deagh shiostam a th’ ann ach saoilidh mi nach bi mise comasach ga theagaisg. Saoilidh mi nach bi uidh aig na h-ùghdarrasan a-nis le teagaisg ‘tradiseanta’. Bhithinn-sa dèonach rudeigin a dhèanamh nan robh ach cha chuala mi dad bho Mhairead o chionn fhada.
Ma bhios duine sam bith a riamh airson buidheann còmhradh no a leithid sin a chur air dòigh, cuir fios thugam.
PS Uaireannan gheibh thu comhradh skype ann an seo
Ma bhios duine sam bith a riamh airson buidheann còmhradh no a leithid sin a chur air dòigh, cuir fios thugam.
PS Uaireannan gheibh thu comhradh skype ann an seo

-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Fàilte dhut a Mhòrag de Toerag (no Sarah). Thoisich mise Gàidhlig a dh'ionnsachadh 's dòcha os cionn 1.5 bliadhna. Chan eil Gearmailtis agam idir, ach tha beagan Fraingis is Duitsis (?Dutch) agam - Spàinnis is Nirribhis cuideachd. Tha Cuimris is Beurla agam.
A bheil mòran Gàidhlig ann an Inbhir Narann? Chan eil Gàidhlig idir far a bheil mi a' fuireach - Rìoghachd Fìobha.
A bheil mòran Gàidhlig ann an Inbhir Narann? Chan eil Gàidhlig idir far a bheil mi a' fuireach - Rìoghachd Fìobha.
-
- Rianaire
- Posts: 333
- Joined: Mon Sep 24, 2007 4:07 pm
- Language Level: Fileanta
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Siorrachd Rinn Friù
- Contact:
-
- Posts: 507
- Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
- Language Level: Gu math siubhalachd
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Alba
- Contact:
Hàlo a Sharah!
Ciamar a tha thu? Math ur faicinn a-rithist!
Tha mi a' dèanamh an Cùrsa Comais an-dràst' ann an Sabhal Mòr Ostaig, air an Eilean Sgitheanach. Tha e dìreach math dhà-rireabh... fìor mhath!
Tha mi trang ach tha mi a' dèanamh mòran rudan an seo. Cuairt air a' bhàta, mara-fari m.e...
You should all come

- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Bu mhiann leam, Alasdair
Fàilte bhuamsa cuideachd, a Mhòrag! Tha mi an dòchas gun cord am fòram riut

Fàilte bhuamsa cuideachd, a Mhòrag! Tha mi an dòchas gun cord am fòram riut

Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam