Ellan Vannin

Càil sam bith eile / Anything else
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Ellan Vannin

Unread post by Seonaidh »

Bha mi ann an Ellan Vannin còmhla ri mo mhac an t-seachdain sa chaidh. Inntinneach. Chan eil iad a' bruidhinn Gailk - uill cha robh ach aonar a chuala sinn - agus sin anns a' bhaile bheag artificial de Chreneash (Creag Nis, mar Fishnish, Vaternish is eile). Ach tha mòran rud anns a' chànan sin. Chunnaic sinn "Rhumsaa", "Doolish" is eile air na busaichean agus bha na sràidean almost uile aig ainmean dà-chànanach.

"Agh ga dy vel myn-chengaghyn goll sheese dy mooar ayns gagh ayrn je'n teihll, t'eh cur taitnys feer vooar dooin dy vel Bretnish goll seose"

[Ach ged a bheil mion-chànanan a' dol sìos gu mòr ann an gach pàirt den t-saoghal, tha e a' cur taitneas glè mhòr dhuinn gu bheil Cuimris a' dol suas]

- blas air a' Ghailk dhuibh!
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Unread post by *Alasdair* »

Glè inntinneach. Bu toil leam a dhol a Eilean Mhannainn... Tha mi ag iarraidh a ionnsachadh Gaelg nuair a tha mi aig Sabhal Mòr Ostaig - Tha feadhainn leabharaichean aca.
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Bu choir dhomh dol an sin aon là cuideachd, an-deidh uile a'Ghàidhlig Mhannaineach gu bheil mi air a bhith ag ionnsachadh. S'aine dhomh aon no dhà doaine tha Gàidhlig aca mar sin tha mi'n dochas gum b'urrainn dhomh ga cleachdadh air a char as lugha.
Tha mi ag iarraidh a ionnsachadh Gaelg nuair a tha mi aig Sabhal Mòr Ostaig - Tha feadhainn leabharaichean aca.
Tha mòran stùth ann air-loidhne, le feadhainn audio cuideachd.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Sgrìobhar 'S aithne dhomh :priob:

A bheil thu eòlach air an làrach siud, Alasdair: http://www.learnmanx.com/
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Tha an larach sin glè fheumail ach airson gràmar (coltach ri dè a tha ri fhaighinn air larach Taic) tha seo nas eàrr:

http://www.gaelg.iofm.net/LESSONS/P/pmenu.html
Àdhamh Ó Broin
Posts: 36
Joined: Sun Dec 14, 2008 11:29 am
Language Level: Fileanta
Location: Glas-achamh
Contact:

Unread post by Àdhamh Ó Broin »

tha 'ios 'am gu robh seo fad' air ais!

ach feumaidh mi ràdh gu bheil an canan aig na Mannach nas laige airson an siostam litreachadh a tha iad air a bhith a' cleachdadh. 's e doigh eile a th' ann an sin airson na canain Gaidhealach a chumail air leth bhon a cheile, nuair a bu choir dhaibh a bhith nan còmhradh ri cheile fad na h-ùine....

's ann an-sin a tha obair ri dhèanamh air Gàidhlig Mhannach....
www.facebook.com/droitseach
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Unread post by horogheallaidh »

chunna mi program gaidhlig mu dheidinn eilean vannin - smaoineachadh gur e mairi morrison a bha tadhal air an eilean agus bha e air leth math - intinneach mar a tha canain mar seo agus gaidhlig ag obair agus cho coltach ri cheile sa tha iad - cuideachd bha e math fhaicinn gun robh tachartasan ann mar feisean airson an cultair agus ceol a chumail a dol
Àdhamh Ó Broin
Posts: 36
Joined: Sun Dec 14, 2008 11:29 am
Language Level: Fileanta
Location: Glas-achamh
Contact:

Unread post by Àdhamh Ó Broin »

dè an t-seanail a bha sin?
www.facebook.com/droitseach
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

ach feumaidh mi ràdh gu bheil an canan aig na Mannach nas laige airson an siostam litreachadh a tha iad air a bhith a' cleachdadh.
Feumaidh mi ràdh gun cleachdach na Manainnich an siostam litreachadh a chleadachas agus, ciod air bith gum bi sinn ga smaoineachadh, chan ann ceart a bhios dhuinn ga bheachdachadh.
Àdhamh Ó Broin
Posts: 36
Joined: Sun Dec 14, 2008 11:29 am
Language Level: Fileanta
Location: Glas-achamh
Contact:

Unread post by Àdhamh Ó Broin »

cha robh an siostam air a chur a bith le Mannaich, 's chan e comharradh math a tha sin a-riamh! mar as abhaist, 's e na daoine às an sgire fon sgrudadh a tha gun misneachd 's goireasan gu leòr airson an canan aca a bhrosnachadh! fiadhaich mi-fhortunach....

's e Dwelly an duine a bh' againn -deagh obair, agus tha sinn fortunach gu robh e deònach a bhith aire a thoirt air na mìrean den chanan a bha air leth cudromach ri fior bhlas na Gàidhlig a ghleidheil aig uair na rannsachadh, agus gun robh an doigh litreachadh steidhichte mar-tha cuideachd. cò a bhitheas siostam mar Chuimris a chur air canan Gaidhealach mar Mannaich? direach gòrach! :?
www.facebook.com/droitseach
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Unread post by horogheallaidh »

Àdhamh Ó Broin wrote:dè an t-seanail a bha sin?
BBC 2 aig an am - smaoineachadh gur e ealtainn a bh'ann
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

cha robh an siostam air a chur a bith le Mannaich, 's chan e comharradh math a tha sin a-riamh! mar as abhaist, 's e na daoine às an sgire fon sgrudadh a tha gun misneachd 's goireasan gu leòr airson an canan aca a bhrosnachadh! fiadhaich mi-fhortunach....
cò a bhitheas siostam mar Chuimris a chur air canan Gaidhealach mar Mannaich? direach gòrach!
Feumaidh mi ràdh gun cleachdach na Manainnich an siostam litreachadh a chleadachas agus, ciod air bith gum bi sinn ga smaoineachadh, chan ann ceart a bhios dhuinn ga bheachdachadh.
Taw!
Post Reply