A Choinnich,
dh'èist mi ris a' phrògram air an t-slighe gu h-obair, agus bha amharas agam gum b'e dhutsa a bhruidhinn

Co-dhiù, tha mise dhen bheachd gum bi na meadhanan nas cunnartaiche na rud sam bith eile: gach feasgar anns na naidheachdan 'se a' phrìomh chuspair cò chaidh a chur gu bàs no cò bhàth ann an Loch Laomann no cò chaochail anns na beanntan. Feumaidh gum bi na daoine dhen bheachd gu bheil Alba an dùthaich as cunnartaiche san t-saoghal.
Ma dèan mi an coimeas eadar na naidheachdan Gearmailtich agus "Reporting Scotland", tha e coltach gu bheil "bias" car neònach anns an dùthaich seo.
Chan eil e mìorbhaileach gu bheil a h-uile daoine ag iarraidh CCTV aig gach oisean (tha e dearbhaichte nach dèan CCTV diofar sam bith a thaobh eucoir ach ann an pàrcaichean chàraichean aig a bheil feansaichean).
Sin mo bheachd-sa co-dhiù.
amhlaobh