Agus fòram na cois. Mu dheireadh thall cothrom don bhallrachd cli beagan conaltraidh air loidhne a dhèanamh? ‘S e laigse nach bu bheag a bh’ ann gun teagamh sam bith. An e làrach Beurla a-mhàin ge-tà? Chan eil putan Gàidhlig ri fhaicinn no an tig sin ann an ùine nach bi fada?
Air an duilleig ‘useful links’ gheibh thu ceangail do Mygaelic.com ach chan fhaigh thu iomradh sam bith air an àite seo no Abair Thusa no làraichen eile air a’ choimhearsnachd air loidhne.
Gàidhlig ann no às ‘s e làrach tarraingeach a th’ ann ge-tà.
Update 13.19:
Sgrìobh Akerbeltz beachd inntinneach san t-sreath seo agus saoilidh mi gu bheil e ceart. Co-dhiù mur a bheil Gàidhlig ann gu ruige seo faodaidh tu cànain eile feuchainn. Seall seo:
Last edited by Gràisg on Wed Feb 25, 2009 8:51 am, edited 5 times in total.