A' taisbeanadh Cearcaill na Gàidhlig aig fèis leabhraichean

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

A' taisbeanadh Cearcaill na Gàidhlig aig fèis leabhraichean

Unread post by GunChleoc »

A' taisbeanadh Cearcaill na Gàidhlig aig fèis leabhraichean Aye Write!

Tha na turasan sònraichte a thug buidheann de sgrìobhadairean aithnichte le Cearcaill na Gàidhlig gu bhith aig cridhe tachartas ùr Gàidhlig aig Fèis Aye Write na bliadhna-sa ann an Glaschu.

A' sgrìobhadh mu na turasan aca fhad 's a bha iad a' siubhail tro eileanan Innse Gall agus mòr-thìr taobh siar na Gàidhealtachd, tha na sgrìobhadairean air leabhran beag iongantach a thoirt dhuinn, a thèid nur pòcaid, le tiotal air leth iomchaidh, 'Cearcaill na Gàidhlig'.

A thuilleadh air òraidean bho na ceathrar sgrìobhadairean, thèid na turasan aca a chur an cèill tro shreath de dhealbhan eireachdail aig a' chiad tachartas Gàidhlig seo airson na Fèise, 's iad na sgrìobhadairean:
  • Màiri NicArtair, neach-comhairleachaidh dualchais, sgrìobhadair agus sgeulaiche
  • Brian MacUilleim, a' chiad deasaiche aig, agus b' esan a stèidhich, Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich agus a chleachd a bhith na mhinistear riaghaltais
  • Dòmhnall Meek, fear-togail bhàtaichean, maraiche, sgrìobhadair agus sgoilear
  • Aonghas Pàdraig Caimbeul, bàrd, sgrìobhadair nobhailean, neach- naidheachd, craoladair agus cleasaiche film
A' dèanamh sanasachd air saibhreas na Gàidhlig agus a dualchais, 's ann stèidhichte air slighean Hopscotch® nan Eilean aig Caledonian Mac a' Bhruthainn a tha na sia Cearcaill Ghàidhlig. Bheir na slighean sibh tro na h-eileanan bho Ìle gu Leòdhas, agus air tìr-mòr bho Ceann an Creige gu Ulapul.

'S e An Lòchran, am buidheann a tha a' cur air adhart cultar agus ealain na Gàidhlig ann an Glaschu, a bhios a' cur air dòigh an tachartais Ghàidhlig seo, agus 's i an craoladair is riochdaire ainmeil Patsi NicCoinnich a bhios sa chathair.

Thuirt Màiri Bell, Cathraiche an Lòchrain: "'S ann toilichte dha- rìribh a tha mi gun urrainn don Lòchran Cearcaill na Gàidhlig a thoirt do dh'Fhèis Leabhraichean Aye Write. Tha e gu math iomchaidh gun cluinn sinn mu na turasan seo ann an Innse Gall agus air mòr-thìr taobh siar na Gàidhealtachd sa bhliadhna a tha daoine a' Tilleadh a dh'Alba."

Thuirt Joe Mac a' Phì, bho Chomhairle nan Eilean Siar agus Ceannard a' Phròiseict airson Cearcaill na Gàidhlig: "Tha luchd-compàirt a' phròiseict gu mòr an comain an Lòchrain airson mar a chuir iad an tachartas ionmholta seo air dòigh. Tha sinn gu math dòchasach mu na thig à Cearcaill na Gàidhlig san àm ri teachd, aig àm a tha làn chothroman don Ghàidhlig agus a dualchas, agus do thurasachd ann an Alba."

Thèid an ceathramh Fèis Aye Write! aig Banca na h-Alba a chumail ann an Leabharlann Mitchell bho 6 - 14 Màrt 2009.

Thèid na tachartasan airson Cearcaill na Gàidhlig a chumail thairis air dà oidhche:
  • Diluain 9 Màrt aig 7.30f, nuair a bhios na sgrìobhadairean Màiri
    NicArtair agus Brian MacUilleim an làthair
  • Dimàirt 10 Màrt aig 7.30f, nuair a bhios na sgrìobhadairean
    Dòmhnall Meek agus Aonghas Pàdraig Caimbeul an làthair

CRÌOCH

Tha na meadhanan làn di-beathte tighinn chun an tachartais. Airson tuilleadh fiosrachaidh, no ma tha sibh ag iarraidh lethbhreac den leabhar, no gus àite a ghleidheadh aig aon no a dhà de na h-oidhcheannan, cuiribh fios le ur toil gu Lorna Inglis aig Media House: 0141 220 6040 no post-d: lorna@mediahouse.co.uk


Mun Lòchran

'S ann an urra ris an Lòchran a tha e Cultar agus Ealain na Gàidhlig a chur air adhart agus a leasachadh ann an Glaschu agus na sgìrean mun cuairt. Chaidh An Lòchran a stèidheachadh ann an 1999.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Chearcaill na Gàidhlig, tadhlaibh le ur toil air www.gaelic-rings.com
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply