Tèarmainn a dhìth am measg sgal na Beurla

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Tèarmainn a dhìth am measg sgal na Beurla

Unread post by Gràisg »

Alasdair Caimbeul bruidhinn ri Fionnlagh:

http://news.scotsman.com/gaelic/Tarmain ... 5095467.jp
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Unread post by Each »

Co th'ann an Till ?

Cha do lorg mi caill air an eadar linn.

Tha fios agam gu bheil fionnlaigh an sas, ach co eile ?
A bheil bun-steidh ann ?

Se cuspair gu math intinneach a th'ann, ach bhon uair a mhothaich e cha robh ann ach amharras, gu mi-fhortanach. bu toigh leam deasbaid ann an doigh ceart anns an aite na magaidh-dha.
neoni
Posts: 634
Joined: Sun Oct 28, 2007 9:57 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: am badeigin

Unread post by neoni »

"Saoilidh mi gu bheil mu 10 bliadhna ann bhon a thòisichear a' bruidhinn air seo an toiseach. Bhathar a' faicinn dà rud, rudan a bha a' tachairt ann an Èirinn agus sa Chuimrigh, agus cuideachd an-seo fhèin, mar a bha gnothaichean a' tuiteam air ais. Agus mar as tric ma tha thu ag iarraidh gum bi rudeigin a' tachairt ann an coimhearsnachdan feumaidh tu rudeigin sònraichte a dhèanamh air son rudan a thogail a-mach bhon a h-uile càil eile.

"Cuideachd bha mi air a bhith ann an Canada agus sna Stàitean Aonaichte agus chunna mi is dòcha trì àiteachan far an robh coimhearsnachdan air an cur suas a dh'aona ghnothaich a thaobh dhiofar chuspairean, chan ann a thaobh chànan, sann a thaobh dhiofar chuspairean eile. Feumaidh mi a ràdh gur e an suidheachadh a th' againn, chan eil na coimhearsnachdan a th' againn gu bhith 'nan coimhearsnachdan làn Gàidhlig a-chaoidh mar a tha iad an-dràsta."
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Thuirt e àiteigin gu bheil mòran luchd-ionnsachaidh ann a chleachdas "tha" ro thric. Cha tuirt e nach bu choir dhuinn bhith gun am facal seo a chleachadh gu tur.

Now back to topic please ;)
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Sna làithean seo mur a bheil làrach-lìn ann tha sinn buailteach a bhith creidsinn nach eil gnothach no iomairt dha-rìribh ann idir, idir. Ach uaireannan bith làrach spaideil air choireigin ann ach cha bhi dad air a cùlaibh, seachad air mèirleach air choireigin feuchainn ri greim fhaighinn air do chunntas-banca.
A bheil sinn air an àm ruigsinn far nach urrainn dhut dad a dhèanamh gun làrach-lìn na chois? Saoilidh mi cha mhòr nach ann mar sinn a tha e ann an 2009. Gheibhear iomairt fada nas èifeachdach le làrach-lìn ag obair air do shon a’ sgaoileadh fiosrachaidh 24/7 . An t-eadar-lìon, ’s e sin far a bheil mise a’ dol gus a h-uile càil faighinn a-mach sa chiad dol a-mach. Saoilidh mi gun nochd làrach Till, tha am buidheann Facebook ‘Soidhnichean da-chànanach a’ sealltainn dhuinn dè cho feumail ‘s a tha an t-eadar-lìon a-nis (0 gu 371 de bhallrachd ann an cola-deug!).
Last edited by Gràisg on Sun Mar 22, 2009 12:37 pm, edited 1 time in total.
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Unread post by Each »

Deagh ceist feallsanachail, A Ghraisg ! Gu math domhainn.

Sann mar sin a tha feum againn deasbaid math mun cuspair "choimhearnseachd na gaidhlig".

Ach air ais gu Till.

Air sgaths nach eil larach linn ann, no fiosrachadh eile ann, chan faigh dhaoine cothrom pairt a gabhail sna iomairt/deasbaid. Se greim teann a tha Fionnlaigh a cumail air, agus mar sin tha e togail amharras a measg dhaoine.

S docha gum bith failte nas blaithe air nan robh fios nas fhosgailte ann.

A reir Fionnlaigh, tha foigheann eille an sas, taic arigead agus larach, nan urrainn dhuit ga chreids !
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Cha chreid mi gu bheil sgilean aig Fionnlagh fhèin làrach-lìn a chur air bonn. 'S dòcha gu bheil cuideigin a dhìth air Till a nì seo gun a bhith ag iarraidh torr airgid?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag »

"An toiseach, rinn Mgr MacLeòid soilleir nach eil gnothaich sam bith aig Comhairle nan Sgoiltean Àraich leis an iomairt seo, 's gu bheil e an sàs ann mar dhuine fa leth."

Ach aig a cheart àm, bidh e a cumail cùrsaichean TIP anns a' bhaile ud agus nach bi fàilte chrideil ann air cùrsaichean a bhitheas a' cleachdadh Beurla mar meadhan foghlaim, ma 's math a chuimhne 'm.
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Unread post by Each »

Saoil mi gu bheil an cuspair seo nas cudromaiche na Fionnlaigh fhein, feumaidh sinn a gluasad thall a suid.

Mar nas fhaide a tha sinn a bhruidhinn mu fhionnlaigh, nas fhaide gus lorg sinn fuasglan deantach
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Mu dheidhinn "Till": tha làrach lìn http://www.cnsa.org.uk, ach creididh mi nach eil i air a h-ùrachadh fhaighinn o chionn 2005.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag »

Seonaidh wrote:Mu dheidhinn "Till": tha làrach lìn http://www.cnsa.org.uk, ach creididh mi nach eil i air a h-ùrachadh fhaighinn o chionn 2005.
Uill, carson a bhitheadh dad mu dheidhinn Till an siud?

"rinn Mgr MacLeòid soilleir nach eil gnothaich sam bith aig Comhairle nan Sgoiltean Àraich leis an iomairt seo"

Till isn't CNSA, so there won't be anything there. (Until CNSA starts holding classes there for the recent immigrants.)
Post Reply