Tha sinn a' deanamh cuairt-chàir tro na roinnean Canaideanach mar a leannas: Yukon (ged chan e roinn ceart a th' inntese), Alberta agus British Columbia. Thòisich sinn ann an Juneau 's ghabh sinn aiseag gu tuath a Skagway agus dhràibh sinn suas a dh' Alberta a' leanntain rathad mòr Alasca. Tha mi a' deanamh aithris an ìre mhath gu làitheal air a' bhlog agam le dealbh neo dhà a riochdaicheas an latha-sa.
http://gaidheal.blogspot.com/
Gu ruige seo, dh'aithris mi gu ruige an ceathram latha 's th' agam ri an còigeamh latha a dheanamh, a' dràibheadh thar na prairies. Tha sinn corra laithean ann an Calgary 's chan eil rùn agam dad a ràdh mu dheidhinn sin ach a-màireach thèid sinn gu na beanntain creagach 's nì mi aithris mar a tha ceagnal dhan eadar-lìonn agam. Mar sin, ma tha ùidh sam agaibh ann an sin, mholainn-sa ur sùilean a chumail air a bhlog agam oir bho àm gu àm bith aithris ùr ann.