Soidhnichean dà-chànanach sa Bhreatainn Bhig - D.I.Y.

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Soidhnichean dà-chànanach sa Bhreatainn Bhig - D.I.Y.

Unread post by Gràisg »

'S ann an Breizh Isel a tha sgire Karnag (Carnac). Ged a chunnaic mi soidnichean dà-chànach ann an mòran bailtean beag 's mor san roinn ud (fiù 's air na rathaidean ùra spaideal dubailte!) cha robh moran fianais dhiubh san sgire Karnag far am faigh thu na tursachan ainmeil ud. Co-dhiù mhothaich mi gu robh iomairt DIY ann gus coltas Brezhoneg a chur air a h-uile càil. Gur math a thèid leotha!

Image

Image

Image
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Unread post by *Alasdair* »

Tha sin anabarrach fhèin math ri fhaicinn nach eil? 'S e cànan inntinneach, agus doirbh, a th' ann am Breatanais. Tha fhios 'am - tha "Colloquial Breton" agam! :mc: Tha mi 'n dochas gum bi na sgoiltean Diwan a' fàs nas motha agus nas cumanta sna bliadhnachan a tha romhainn agus gum bi tòrr soidhneachan dà-chànanach ùra a' dol suas air feadh an t-àite cuideachd.

Nach biodh e math ma bhios daoine a' dèanamh stuth mar siud ann an Alba air na soidhneachan? Ach, nach eil e mì-laghal a bhith a' dealbhadh air na soighneachadh oifigeil ann a' sheo?
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Ach, nach eil e mì-laghal a bhith a' dealbhadh air na soighneachadh oifigeil ann a' sheo?
Tha e gu math mi-laghal a bhith a deanamh sin ann am Frainc cuideachd, mar eil mi ceàrr. Gu mi-fhortunach, airson a mhoir chuid, chan eil doigh laghail ann idir a bhith a cuir cànan eile orra.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Seo bhideo air utube a tha sealltainn taobh eile den ghnothaich a tha seo.
Coltas dà-chànanach saor an asgaidh air stèisean nan trèanaichean :)

http://www.youtube.com/user/PyffBreizh# ... QaevAGyXkA
Post Reply