Gliocas an Ruisealaich

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Gliocas an Ruisealaich

Unread post by akerbeltz »

http://www.pressandjournal.co.uk/Article.aspx/1393955
Mr Russell said: “There isn’t much point in continuing to develop certain aspects of Gaelic policy if there won’t be anyone around to speak it.

“It is an expensive policy, and without speakers there’s no point in investing anything else.

“What we need to do is to put resources into creating new speakers, partly from existing Bord Na Gaidhlig resources and partly from elsewhere.”
Uel duuuuu-huh... chaidh an cànan fhògairt, a chàineadh, a bhualadh, is a pheanasachadh fad ceudan de bhliadhnaichean. Tha iad a' fosgladh sgoil, sianal TV agus dà bhileag shnasail ghleansach agus tha dùil aca ris na mìltean de luchd-labhairt ùr an-diugh fhéin.

A Mhghr Ruiseal chòir, tha daoine mar na Basgaich air ceud turas a dh'airgead a chur a-steach dhan a chànan sna 40 bliadhna seo chaidh 's tha iad a' buan toradh an saothrach a-nis. 'S e iomairt fhada a th' ann an ath tilleadh cànain... bu chòir dhuinn sin innse dha.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Saoil cò mheud duine a bhios deònach air a' chànan ionnsachadh mura bhios e "feumail"? Tha cothroman ionnsachaidh glè chudromach ach chan e an aon rud chudromach a th' annta, an e?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Gu dearbh chan e, chère Ghunaidh. Ach seo mise, ann am Fìobha, ag ionnsachadh Gàidhlig, gun chothrom airson a cleachdadh an seo idir. Chan eil sgoil no sgoil ann am Fìobha far an urrainn sgoilearan Gàidhlig ionnsachadh. Tha dà leabhar agam "The Place-Names of Fife" le Taylor is Markus agus tha mòran àite an seo bhon Ghàidhlig (mòran àite nach eil, cuideachd). Rachadh Gàidhlig a bhruidhinn ann an Siorrachd Pheairt is Aonghais o chionn linn - seo nabaidhean Fìobha.

A bheil Fraingis na cànan oifigeil na h-Alba? A bheil Gearmailtis? Chan eil - ach bidh mo mhac an ionnsachadh anns an sgoil. A bheil Gàidhlig na cànan oifigeil na h-Alba? Tha - agus chan eil cothrom sam bith airson a h-ionnsachadh an seo anns an sgoil.

Le dìth chothroman mar sin, dè an cothrom a th' air a' Ghàidhlig airson mairsinn beò, gun tarraing air meudachadh.

Ma tha Micheal Ruiseal ag iarraidh barrachd neach-labhairt a dhèanamh, b' fheudar dha Gàidhlig a bhruidhinn fhèin sa Phàrlamaid.

O chionn bliadhaichean, bha tòrr daoine sa Chuimrigh nach bu toil leotha Beurla a chleachdadh idir. Cia meud a tha mar sin an Alba an-diugh?
Post Reply