le seon c caimbeul còir san Albannach. Seo trì pìosan beaga dheth:
'FAODAIDH cànan a bhith beò ás aonais an eadar-lìn, telebhisean no sgoiltean ma tha i ga bruidhinn eadar ginealaichean san dachaigh. Ach leis gun fheàrr le daoine Beurla bhruidhinn aig an taigh a-nis, tha na goireasan a th' againn sa Ghàidhlig a' coimhead car brònach, mar dhoileagan a chaidh a cheannach do phàiste a tha ro lag air son cluich leotha.'
'Air-loidhne, tha dìth stuthan eadar-ghnìomhail againn, ach leis cho gann 's a tha inbhich a tha comasach air a' chànan aca fhèin a leughadh, chan eil a' choimhearsnachd Ghàidhlig air-loidhne ach glè bheag co-dhiù.'
'Tha e mar gu bheil an cridhe 's an t-anam tùsanach gan toirt ás an rud gus nach eil air fhàgail ach suaicheantas gun seagh.'
Agus:' Mar a thuirt APC, tha e doirbh cuideigin a lorg am measg nam buidhnean Gàidhlig a tha fo chùram mòran a ràdh mu chor na cànain, ach gu fortanach tha Art MacCormaig, cathraiche Bòrd na Gàidhlig, againn. ...'
tuilleadh an seo:'Doileagan do phàiste a tha ro lag air son cluich leotha'"
'Doileagan do phàiste a tha ro lag air son cluich leotha'
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Chan eil fhios agam dè cho lag 's no làidir a tha e an-diugh ach aon rud a tha mi cinnteach às agus 's e sin gu bheil gràdh aige air a' Ghàidhlig agus 's ann air sgath sin a thog e a' chànain air agus tha a h-uile càil a sgriobhas e a' tighinn às a sin - faireachdainn a tha aig teas mheadhan àrd-àire inntinn agus a h-uile càil eile a tha an duine sin.
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Chan fhaod. Chithear sin fiù ann an coimhearsnachdan mar nan Iùdhach orthadochsach sna Stàitean. Faodaidh cànan anns an Roinn an Iar san 21d linn a bhith beò as aonais dìreach nan leigeadh a' choimhearsnachd gu tur seachad na rudan seo. Ma dhùnas tu gach sgoil, ma reiceas tu gach tbh is rèidio is coimpiutair, 's urrainn dhut sin a thoirt gu buil gu ìre.FAODAIDH cànan a bhith beò ás aonais an eadar-lìn, telebhisean no sgoiltean ma tha i ga bruidhinn eadar ginealaichean san dachaigh
Ach cò dh'iarras sin? <sigh> Deasbad eile eadar sàr eòlaichean nach eil 'nan eòlaichean cànanachais...
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★