Inverness Gaelic 'hub' proposals up for debate.

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Inverness Gaelic 'hub' proposals up for debate.

Unread post by Gràisg »

By Hugh Ross in the IC

'Offices, shops, a nursery and an arts venue - which would all be Gaelic-centred - could be built in Culduthel as part of an ambitious plans to create a dedicated "hub" for the language in Inverness.
An empty field beside the city's only all-Gaelic school has been earmarked for the development and consultants are now investigating whether it is feasable before concrete plans are drawn up.
The proposals are due to be discussed by Highland Council's Gaelic committee today.
...
City-based consultants Synergie Scotland will investigate whether the development would be financially viable and what funding could be available over the next two months.
Bòrd spokesman Hugh Dan MacLennan said it was paying the cost of the the Synergie study which was under £10,000.

Chan eil sin ri fhaighinn air loidhne fhathast. Mar a thuirt mi roimhe bu toil leam rudeigin fhaicinn ann an teas meadhan a' bhaile (feumaidh car a bhith agad a' dol dhan àite seo) ach nan robh a h-uile càil faisg air an sgoil bhiodh fada na b'fheàrr na ri taobh na toglaichean ura a tha air faire airson Oilthigh na Gàidhealtachd aig Beechwood. (tha mòran a' gearrain gur e 'dry academic exercise' a th'anns a' Ghàidhlig). Aig Bun-Sgoil Inbhir Nis bhiodh moran parantan a' dol ann dà thuras gach latha co-dhiù, cothrom dhaibh cupa cofaidh fhaighinn no classaichean gàidhlig, leabhraichean a cheannaich, msaa.
Tha mi a' tuigsinn carson a tha am Bòrd a' dol do na consultatants gus fiosrachadh faighainn a mach mu maoineachadh ach mura a bhiodh a leithid seo tarraingeachd do na Gàidheal agus luchd-ionnsachaidh nach bu chòir fios a bhiodh aig a' bhòrd mu thràth?
Gur a math a thèid leis.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Unread post by horogheallaidh »

Feumaidh mi radh gur e seo am plana as miosa a chuala mi riamh bhon t-am nuair a bha Fionnlagh a' beachdachadh air baile Gaidhlig a thogail. Carson am bi e gu feum airson na companaidhain Gaidhlig mar CnaG no FnaG a' slaodadh a-mach as a bhaile agus gan cruinneachadh ann aite iomallach mar Slackbuie - Nach eil sinn airson iomhaigh na Gaidhllig a' neartachadh agus a thogail taobh a-staigh coimhearsnachdan Beurla? Carson a tha iad airson sin a' toirt air falbh bhon saoghal na Gaidhlig?

Agus buithtean Gaidhlig a bhith ann cuideachd? mo chreach's a handbag - de an ath rud? Ma tha stuth agus goireasan gu leor ann airson buth gaidhlig tha buithtean gu leor a tha fhathast falamh aig teas meadhan a bhaile - cinnteach gum bi barrachd luchd-tadhail ann ri faighinn an sin cuideachd.

Tha mise gu tur an aghaidh am moladh seo :olc:
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

ok ma tha, ceist eile do 'Synergie Scotland' airson rannsachadh seo: an dèanadh Woolies falamh a' chùis?
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Unread post by Tearlach61 »

Uill, shaoil mise gur e deagh bheachd a bh'ann. Tha seòrsa de choimhearsnachd ann mar tha 's an sgoil ann. Bhiodh e gu math nàdarach nan robh buidhnean Ghàidhlig eile ann faisge air làimh.

Air rèir coltais, an aon laigse a th'ann 's e gu bheil busaichean a dhìth. Uill, dè nas fhasa, sgoile a ghluasad air neo loidhne buis a thoirt a-steach? Co-dhiù, nuair a chaidh mise ann, cha do shaoil mise gu robh e cho fad air falbh.

Ach a bharrachd air a sin, choilionadh am moladh aon rud a tha dhìth gu dubh ann an saoghal na Gàidhlig: critical mass.
horogheallaidh
Maor
Posts: 207
Joined: Mon Nov 03, 2008 7:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: An t-Eilean Dubh

Unread post by horogheallaidh »

ach a bheil coimhearsnachd ann aig an sgoil? chan e fada bhon a bha sinn a' leughadh mu dheidhinn parantan a' sabaid sa phlayground agus mar a leig a h-uile duine dheth an suidheachadh aca air a chomataidh nam parant - de seorsa coimhearsnchd a tha sin?

Tha fios am gu bheil an cuid as motha den parantan airson sgoil gaidhlig sgoinneil a brosnachadh ach a bheil guth aca air beulaibh an cuid aig a bheil hidden agendas....?

ach co dhiu - am faireachdainn a tha agams - cha bu choir dhuinn a bhith a cuir a h-uile cail san aon aite - all the eggs in one basket m.e.....

divide and conquer i say :)
Post Reply