Bu toil leam fios a leigeil dhuibh gu bheil am Faclair Beag a' sìor fhàs agus gu bheil sinn a' toirt cuireadh air iarrtasan son cunntasan bhòtaidh bho dhaoine aig a bheil G on ghlùn.
Gheibh sibh am faclair air http://www.faclair.com. Tha Dwelly ann agus, gu ruige seo, Faclair nan Gnàthasan-cainnte cuideachd san aon àite.
Tha dùil againn ri clàir ùra chruthachadh cuideachd - ma nì sibh rannsachadh son "water", chì sibh air an taobh chlì na tha fa-near dhuinn.
'S e na rionnagan am feart ùr as cudromaiche. Gheibhear mìneachadh iomlan an-seo ach gu goirid, tha na rionnagan buidhe ag innse dhan luchd-chleachdadh dé na faclan a tha "beò" agus dé an fheadhainn nach eil cho beò. Ma tha cunntas aig cuideigin, chì iad sreath de rionnagan eile cuideachd, na rionnagan bhòtaidh leis a chuireas iad an céill dé na faclan air a bheil iad-san eòlach agus théid na rionnagan buidhe a stéidheachadh air a-sin.
Cuiribh sùil air an duilleag chuideachaidh cuideachd, tha iomadh feart ùr eile ann - 's ma tha ruideigin ann nach eil soilleir, leigibh fios dhomh!
Cuideachd, ma tha G agaibh on ghlùn agus ma tha ùidh agaibh sa phròiseact seo, cuiribh post-d thugam agus cuiridh mi cunntas (saor an-asgaidh) air dòigh dhuibh!
Am Faclair Beag
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Am Faclair Beag
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★

- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
A charaid, dè an diofar eadar a'phroiseact a tha seo agus Faclair na Gàidhlig
Tha iadsan a' cumail a-mach: 'Freagraidh am faclair air feumalachdan na Gàidhlig anns an 21mh linn, le bhith a' cruthachadh bun-stèidh ùghdarrasach airson faclairean Gàidhlig eile agus goireasan ionnsachadh cànain. Thèid am faclair a bhuineas ris an latha an-diugh, air a bheil an t-iarrtas as motha, a chruthachadh an toiseach. Bheir sin comas dhuinn faclairean eile, faclairean dà-chànanach agus aon-chànanach, a chruthachadh. Mar sin dheth, freagraidh am faclair air feumalachdan oileanach, thidsearan agus phàrantan a tha an sàs ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
'S e am Faclair am prìomh phròiseact cànain airson Gàidhlig na h-Alba, a bhios a' tabhann bun-stèidh agus brosnachadh airson iomairtean Gàidhlig san àm ri teachd. '
Chan eil càil a fhios agam ciamar a tha cùisean a' tighinn air adhart leotha no nam biodh iad airson taic saor thoileach fhaighinn ach saoil am biodh an aon cheann-uidhe agaibh uile?

- Maor
- Posts: 206
- Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
- Location: Juneau
- Contact:
Dè gu dìreach an rud a tha mi a'faicinn ann an sin? An e seòrsa de phròiseacht Wikipedia far am bi tòrr daoine ag obair còmhla?
Ciamar am faigheadh cuideigin pàirt a ghabhail ann?
Barrachd: thuige mi a-nis gur e seo pròiseacht agaibhse fhèin 's chan e pròiseachd faclair na Gàidhlig. Bith ùidh agam taic a thoirt dhan phròiseact ann an dòigh sam bith.

Last edited by Tearlach61 on Tue Oct 06, 2009 3:41 pm, edited 1 time in total.
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Tha FnaG a' stéidheachadh an fhaclair aca air seòrsa de chorpas. Tha iad a' cruinneachadh faisg air 300 leabhraichean eadar Leabhar Dheire agus feadhainn na 20mh linne. Togaidh iad an uairsin faclan às an tùs seo agus nì iad faclair dheth.
Tha sinne ag amas air rud car eadar-dhealaichte. Tha sinne an dùil cothrom a thoirt do dhaoine beachdachadh air facal sam bith 's chan ann an fheadhainn a nochdas anns na 300 leabhraichean a-mhàin. Agus cha chreid mi gum bi com-pàirteachas na coimhearsnachd ann am FnaG.
'S e Faclair a tha a' toirt smachd dhan a' choimhearsnachd aon dhe na sluagh-ghairmean againn.
Tha sinne ag amas air rud car eadar-dhealaichte. Tha sinne an dùil cothrom a thoirt do dhaoine beachdachadh air facal sam bith 's chan ann an fheadhainn a nochdas anns na 300 leabhraichean a-mhàin. Agus cha chreid mi gum bi com-pàirteachas na coimhearsnachd ann am FnaG.
'S e Faclair a tha a' toirt smachd dhan a' choimhearsnachd aon dhe na sluagh-ghairmean againn.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
ok ma tha a h-uile taic agus beannachd dhut a charaid.
Tha sin a' cur nam chuimhne proiseact eile nach do gabh uidh sam bith ri coimhearsnachd (agus an uair sin a bha airson coimhearsnachd a thogail) Co-dhiù saoilidh mi gu bheil coimhearsnachd ann a tha deiseil agus deònach nam bheachdsa. Coimhearsnachd a tha a' lorg dòigh gus pàirt a ghabhail ann an saoghal na Gàidhlig.Agus cha chreid mi gum bi com-pàirteachas na coimhearsnachd ann am FnaG.
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Uel, bidh bann ama aig gach corpas agus thòisich FnaG san linn seo chaidh.