le RAGHNALL MacilleDHUIBH san Albannach
"ÀS DÈIDH na cuirme fuiltich, bha iad nan laighe am measg nan cnàmhan, gach bus air druim a nàbaidh, an sùilean leth-dhùinte 's iad uile cho leisg. 'S air an oidhche, thog iad am fonn, fonn nan sinnsirean. Nach e a bha dòigheil na aisling, bus ri bus còmhla ri a bhràithrean 's a pheathraichean, a' seinn ris a' ghealaich."
Tha sinn am broinn ceann madaidh-allaidh an déidh latha math seilge ann an Alasga còmhla ri pac ùr – neo prasgan ùr, mar th' aig Charles ("Chuck") Tripp orra. Tha sgrìobhadh mar seo ann an Gàidhlig a' dol air ais gu 'Moladh Beinn Dóbhrain' aig Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.'
...
'A' chiad rud a chanas mi se gu bheil trì no ceithir pìosan an-seo nach eil buileach 'nan sgeulachdan goirid idir ach 'nan naidheachdan, 'nan cuimhneachain neo eile. Bha Gairm agus Gath 'nan dachaigh riamh dh'a leithid mar choir' altraim an sgrìobhaidh Ghàidhlig. Gu mì-fhortanach, o nach eil iad sin ann tuilleadh, se leabhraichean mar seo an aon chothrom a-nist a tha aig sgrìobhadairean ùra a bhith a' nochdadh ann an clò. Feumar rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.'
Tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Tha-an- ... 5721607.jp
'
Tha an sgeulachd Ghàidhlig cho fallain 's a bha i riamh
-
- Rianaire
- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
no mise cuideachd a charaid ach seo na thuirt caraid rium an-diugh:
'Lub a' gheoidh -saoil an e 'rathad direach' a tha e a' ciallachadh neo 'playing it safe' - neo 'convention, sticking to a formula? De do bheachd?'
Beachd aig duine sam bith eile?
Seo ciamar a sgrìobh e e:
'An dara puing se gu bheil lùb a' gheòidh còmhla ruinn fhathast. Chan eil dad ceàrr air sin ann fhéin, ach bhiodh e feumail nan robh briathrachas againn a dhéiligeadh ri leithid. '

- Maor
- Posts: 206
- Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
- Location: Juneau
- Contact:
seo bho akerbeltz còir:
http://www.akerbeltz.org/faclair/toraid ... nnean=name
Lùb a' Gheòidh = parochial-ville = fictitous place name, the epitome of parochialism in Gaelic literature
http://www.akerbeltz.org/faclair/toraid ... nnean=name
Lùb a' Gheòidh = parochial-ville = fictitous place name, the epitome of parochialism in Gaelic literature
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Chan e, "Goose Bend".Lùb a' Gheòidh? An e "Crook of Creek" a tha seo?
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★