Moladh airson pàipeir Ghàidhlig air-loidhne

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Moladh airson pàipeir Ghàidhlig air-loidhne

Unread post by Gràisg »

'Tha fear de chomhairlichean Taobh Siar Leòdhais, Coinneach Moireach, a' moladh seirbheis shònraichte a bhios e fhèin a' cleachdadh air an eadar-lìon, mar mhodal airson leasachaidh sam bith a thaobh pàipeir-naidheachd Ghàidhlig ùir.

Bidh an t-seirbheis a' tarraing ri chèile fios bho phàipearan-naidheachd bho air feadh an t-saoghail, 's ga thaisbeanadh ann an dòigh a ghabhas leughadh air an sgrìon'

'Ach tha am fear-deasachaidh mu dheireadh a bh' air a' Ghàidheal Ùr, mus deach e fodha as t-earrach am bliadhna, Murray MacLeòid, den bheachd gur dòcha nach eil daoine deiseil fhathast airson a leithid.

Mus do chuir esan buaithe am pàipear sin, rannsaich e na cothroman a bhiodh ann rud a dhèanamh air-loidhne.

'S e a bheachd nach fhaod pàipear air-loidhne a bhith dìreach a' dèanamh nan rudan a tha làraichean Gàidhlig a th' ann an-dràsta ris air an eadar-lìon.

Tha e ag ràdh gum bi daoine a' cleachdadh an eadar-lìn ann an dòigh nach eil gu tur freagarach air pàipearan-naidheachd mar a tha iad an-dràsta.

"Ged a tha daoine a' cleachdadh an eadar-lìn, chan eil iad airson suidhe sìos air beulaibh coimpiutair agus rudan a leughadh air-loidhne, no air an sgrìon," thuirt e.'

Tuilleadh an seo:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... aper.shtml
Post Reply