http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... oras.shtmlBhon ath-bhliadhna bidh an t-uachdaran coimhearsnachd Stòras Uibhist a' ruith cùrsa Gàidhlig, a bheir cothrom an cànan a chleachdadh gu làitheil, a bharrachd air oideachadh.
Tha an cùrsa ag amas air oileanaich aig a bheil beagan Gàidhlig mar thà, seach do dh'fhìor luchd-tòiseachaidh.
Thèid oileanaich a thoirt a-mach dhan choimhearsnachd gus ionnsachadh mu chultar Uibhist, agus airson na th' aca de Ghàidhlig a chleachdadh......
Beachd inntinneach agus tha mi an dòchas gu bheil e math ullaichte is eagraichte - tha cunnart mòr ann gum bi barrachd turasachd ann air Gàidhlig fhèin. Feumaidh muinntir na sgìre (le Gàidhlig) a bhith an sàs anns na plànaichean agus anns a' chur air dòigh, agus feumaidh an teagasg Gàidhlig gach madainn a bhith èifeachdach agus freagarrach.
I fear the 'wishy washy' - that would be another wasted opportunity and another set of frustrated learners.