Re: What does it mean? Various questions
Posted: Mon May 27, 2013 6:22 pm
Uill chan eil fios agam. 'S dòcha rudeigin coltach ri "feed into"?
Coimhearsneachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig.
https://www.foramnagaidhlig.net/foram/
Seo "Public Petitions Committee"; ach chan eil (tha?) san Fhaclair Bheag ach "athchuinge".Comataidh nan Ath-Chuingean
agus chan eil mi cinnteach a bheilear "chuir" a' cleachdadh ceàrr ceithir turas no a bheil mi air mo mhealladh?BBC: Naidheachdan wrote:...gu bheil Riaghaltas Bhreatainn a' cuir deuchainn...
Chaidh Mìcheal Adebowale a chuir fo chasaid muirt a-raoir.
Chaidh an duine... a chuir an greim ann an Glaschu...
...gum faodadh iad fhathast cìsean oideachaidh a chuir air oileanaich à sgìrean eile de Bhreatainn...
"lure", "attract" -- sin e. Tha e coltach gu bheil e a-mach air an t-Shabhail Mhòir agus gun do bhuan a h-uile buidhinn san sgìre air sgàths an t-Sabhail. (bha an "lure" a' toirt stuth a-steach do na buidheanan). Agus gun do bhuan an Sabhal bho soirbheachas nan buidheannan gu lèir. "Synergy" mar a chanas 'ad san t-Seann Greagais!poor_mouse wrote:Leugh mi an-seo:Dè tha "biadhaich" a' ciallachadh?BBC Naidheachd wrote:"Ach cha chreid mise, nuair a thogras an leithid air adhart agus gun tòisich an Sabhal Mòr an seo, nach biadhaich sin a-steach dha na buidhnean eile a tha timcheall an eilein a tha seo.
"Agus biadhaichidh a h-uile buidheann eile a tha sin a-steach dhan t-Sabhal Mhòr," thuirt e.
Chan urrainn dhomh sin a lorg san Fhaclair Bheag, ach 's dòcha gum biodh iad a-mach air "bait, lure, attraction".
Nach eil iad ag ràdh gum b' fheàrr leis na buidhean eile tighinn a-steach san obair seo, gum bi iad ag iarraidh a bhidh ag obair còmhla ris an t-Sabhail Mhòir?
Níall Beag wrote:"lure", "attract" -- sin e. Tha e coltach gu bheil e a-mach air an t-Shabhail Mhòir agus gun do bhuan a h-uile buidhinn san sgìre air sgàths an t-Sabhail. (bha "lure" an t-Sabhail a' toirt stuth a-steach do na buidheanan -- luchd turais agus oileanaich a' cosgadh na h-airgeid, agus "inward investment" eile). Agus gun do bhuan an Sabhal bho soirbheachas nan buidheannan gu lèir. "Synergy" mar a chanas 'ad san t-Seann Greagais!poor_mouse wrote:Leugh mi an-seo:Dè tha "biadhaich" a' ciallachadh?BBC Naidheachd wrote:"Ach cha chreid mise, nuair a thogras an leithid air adhart agus gun tòisich an Sabhal Mòr an seo, nach biadhaich sin a-steach dha na buidhnean eile a tha timcheall an eilein a tha seo.
"Agus biadhaichidh a h-uile buidheann eile a tha sin a-steach dhan t-Sabhal Mhòr," thuirt e.
Chan urrainn dhomh sin a lorg san Fhaclair Bheag, ach 's dòcha gum biodh iad a-mach air "bait, lure, attraction".
Nach eil iad ag ràdh gum b' fheàrr leis na buidhean eile tighinn a-steach san obair seo, gum bi iad ag iarraidh a bhidh ag obair còmhla ris an t-Sabhail Mhòir?
"Gun"... tha mi a' creidsinn gur e "gus an do" an brìgh air seo.
(Cha mhòr nach do leugh mi an teachdaireachd idir... b' fheàrr nan robh thu a' toiseachadh sreath ùr airson ceisteanan ùra ach nach bi càil air a chall....)
Glè mhath! 'S e sin math don Fhaclair Bheag, ach 's bochd sin airson Naidheachdan BhBC.akerbeltz wrote:Tha ath-chuinge cearr, 's e fused compound a th' ann, sin as adhbhar gu bheil an /ɯi/ ann an chuinge air crìonadh 'na /ɪ/.
'S e "cur/chur" a bu chòir a bhith ann. Tachraidh a' mhearachd sgrìobhaidh seo gu tric.poor_mouse wrote:Leugh mi seoagus chan eil mi cinnteach a bheilear "chuir" a' cleachdadh ceàrr ceithir turas no a bheil mi air mo mhealladh?BBC: Naidheachdan wrote:...gu bheil Riaghaltas Bhreatainn a' cuir deuchainn...
Chaidh Mìcheal Adebowale a chuir fo chasaid muirt a-raoir.
Chaidh an duine... a chuir an greim ann an Glaschu...
...gum faodadh iad fhathast cìsean oideachaidh a chuir air oileanaich à sgìrean eile de Bhreatainn...
Seo am prìomh sheantans:poor_mouse wrote:Leugh mi an-seo:BBC Naidheachd wrote:"Ach cha chreid mise, nuair a thogras an leithid air adhart agus gun tòisich an Sabhal Mòr an seo, nach biadhaich sin a-steach dha na buidhnean eile a tha timcheall an eilein a tha seo.
Agus carson a tha "gun" ann an-seo: "Ach cha chreid mise, nuair a thogras an leithid air adhart agus gun tòisich an Sabhal Mòr an seo..."
Tha e coltach ris: "cha chreid mise gun tòisich an Sabhal Mòr...", ach cha chreid mise gum biodh sin ceart.
Dh'fheuch mi "sualaichean" no rudan mar sin fhaighinn san Fhaclair Bheag, ach lorg mi an-sin a-mhàinDh'fheuch Nick Hancock, a bhuinneas do Ràthach, faisg air Dùn Èideann, dà thuras faighinn air a' chreig, a tha 260 mìle an iar air na h-Eileanan Siar, ach cha d'fhuair e oirre ri linn droch shualaichean.
'S dòcha gur iad tuinn a bha seo.Stòr-Dàta Briathrachais Gàidhlig wrote:wave -- suail(e) -- fem
A bheil i a-mach air an eilid agus a mac? An do mharbh am fear sin gu tric an eilid agus a mac-se?...Bu bhinn leam tabhann do chuilean,
Bheireadh fuil air mac èilde;
Às do làimh bu mhòr m’ earbsa –
Gur tric a mharbh thu le chèil’ iad,
Mo rùn geal òg