Page 2 of 2
Posted: Tue Sep 29, 2009 7:35 am
by GunChleoc
GunChleoc wrote:Dè mu dheidhinn 4mh dhen Dàmhair, 4f, àm Albannach? Am biodh seo freagarrach do na h-uile duine?
*bumpitybump*
Posted: Tue Sep 29, 2009 10:06 am
by Gràisg
Saoilidh mi gum biodh.
Posted: Sun Oct 04, 2009 3:43 pm
by GunChleoc
Tha mi duilich ach chan urrainn dhomh bhith ann an-diugh.
Have fun

Posted: Fri Oct 16, 2009 9:25 am
by GunChleoc
Cò bha ann? Ciamar a bha e? An dèan sinn a leithid DiDòmhnaich seo?
Bidh ùine agam an àm seo

Posted: Fri Oct 16, 2009 9:04 pm
by Gràisg
Cha do thachair dad. DiDòmhnaich ma bhios deagh aimsir againn an seo bidh mise taobh a-muigh fad an latha.
Posted: Sat Oct 17, 2009 7:53 am
by GunChleoc
Uill, cuiridh mi Spyke air is chì mi na thachras.
Posted: Sat Oct 17, 2009 8:42 am
by Gràisg
'S ann às dèidh ciaradh an fheasgair as fheàrr dhomhsa
Posted: Sat Oct 17, 2009 2:14 pm
by GunChleoc
Cuine a bhios e freagarrach dhut?
Posted: Sun Oct 18, 2009 9:42 am
by Gràisg
madainn mhath GC, dè do chorr?
ma bhios droch aimsir ann 16.00
ma bhios deagh aimsir ann 19.00
Bha mi bruidhinn le Tearlach agus a nigheann air skype a-raoir agus bha a h-uile càil cgl. Ag innse na fìrinn bha fuaim a bha a' tighinn bho Alasca air skype fada na b'fheàrr na nuair a tha mi bruidhinn air a fòn don charaid againn thall an sin.
Tha fiù 's webcam agam a tha a' ruith mar bu chòir a-nis.
Posted: Sun Oct 18, 2009 7:31 pm
by Gràisg
Tha sinn beò air skype 19.29
Sin e seachadh 20.10.
Posted: Sun Oct 18, 2009 8:14 pm
by GunChleoc
Tha sinn air a' cheud sgeulachd a leughadh is leanaidh sinn oirnn leis an darna tè an ath-sheachdain ma bhios e freagarrach.
Cha robh ach Gràisg is mi fhìn ann ach bha e tlachdmhòr is dh'ionnsaich sinn abairtean ùra
