Posted: Tue Nov 13, 2007 2:04 am
Cha do chluich is cha chuala mi air an geama sin riamh. Dè th' ann?
'S ìongantach leam gun do dh' fhairich thu an fhuaim "chi" seach "hi", ach is cinnteach gu bheil "ch" ann rud beag co-dhiù.
Cuimhnich gur e blas Kansai a th' aig an neach-aithris, agus nach ionnan sin agus Iapanais bhun-tomhasach Kanto.
Tha dualchainnt eadar-dhealaichte cuideachd ann an sgìre Kansai, 's chan e am blas a-mhàin.
Mar eisimpleir....ann an Iapanais bhun-tomhasach, chanar 分からない (wakaranai) airson chan eil fhios (agam), ach ann an Kansai, 's e わからへん (wakarahen) a bhios ann.
Tha smaointean a' tighinn fodham leasanan a dhèanamh anns an dualchainnt seo, seach ann an Iapanais bhun-tomhasach, bhon toiseach!
Tha mu 30 millean dhaoine a' fuireach ann an sgìre Kansai, agus tha an dualchainnt sin aig a' chuid as motha dhiubh, a bharrachd air Iapanais bhun-tomhasach. Bithear ga cluinntinn cuideachd gu math tric air an telebhisean nàiseanta, agus mar sin dheth, ged a bheireadh e sùileachan do dhaoine nam biodh neach-tòiseachaidh a' bruidhinn ann an dualchainnt Kansai bhon toiseach, cha bhiodh e na chap-starradh air conaltradh sam bith!