Page 11 of 14
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Tue Sep 24, 2013 12:57 pm
by poor_mouse
Tapadh leat!
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Oct 09, 2013 7:39 am
by poor_mouse
Naidheachdan BhBC:Chaidh foirm ùr a dh'fhaodadh a bhith na chuideachadh le bhith a' lorg luchd-coiseachd a th' air chall fhoillseachadh.
A bheil an gleus càinnte seo àbhaisteach?
Agus dè tha e a' ciallachadh gu mionaideach? "This forum reach the possibility to be a help"?

Chan eil fios 'am ciamar a theirinn seo sa Bheurla...
Agus nach e an tràth cumhach a tha ann an "dh'fhaodhadh"?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Oct 09, 2013 10:42 am
by faoileag
'S e 'form' seach 'forum' a th' ann, seòrsa plàn do luchd-coiseachd a dh'fhàgadh iad san taigh-òsta no le caraidean.
A new form has been published which might be of help in finding lost climbers.
Chuirinnsa 'fhoillseachadh' às dèidh 'Chaidh foirm ùr' seach aig dheireadh an rosgrainn.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Oct 09, 2013 11:53 am
by poor_mouse
Tapadh leat, Fhaoileag!
'S e "dh'fhaodadh" a tha as neònaiche dhomhsa; cha robh saoilsinn idir agam mu 'fhoillseachadh' no rud mar sin.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Oct 09, 2013 12:48 pm
by akerbeltz
Chaidh foirm ùr a dh'fhaodadh a bhith na chuideachadh le bhith a' lorg luchd-coiseachd a th' air chall fhoillseachadh.
Chan eil ann ach sentence le iomadh subclause
Chaidh foirm [1] ùr fhoillseachadh
A form/forum was published
a dh'fhaodadh a bhith na chuideachadh [2]
which might be of help
le bhith a' lorg luchd-coiseachd [3]
in looking for walkers
a th' air chall
who are lost
In a
chaidh sentence, the solution is usually to look for the linked verbal noun and then to drop everything else to begin with. In this case, the only vn which can match
chaidh is
fhoillseachadh.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Oct 09, 2013 1:05 pm
by poor_mouse
Tha sin ceart gu leòr, ach chan eil 'fhoillseachadh' ann idir
Seadh, dh'fheumainnsa smaoineachadh dè am facal (vn) a tha dìth an-seo!
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Oct 09, 2013 5:13 pm
by Níall Beag
Naidheachdan BhBC:Chaidh foirm ùr a dh'fhaodadh a bhith na chuideachadh le bhith a' lorg luchd-coiseachd a th' air chall fhoillseachadh.
A bheil seo na Gàidhlig nàdarra, no "translationese"...?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Oct 09, 2013 8:37 pm
by akerbeltz
Tha sin ceart gu leòr, ach chan eil 'fhoillseachadh' ann idir
Chì mise e air an làrach-lìn
A bheil seo na Gàidhlig nàdarra, no "translationese"...?
Taobh translationese chanainn. Tha sentence sam bith sa bheil
le bhith a'... amharasach
Chanainn
Chaidh foirm ùr fhoillseachadh a nì e nas fhasa lorg fhaighinn air luchd-coiseachd air chall no rud mar sin, bha am vn ro fhad air falbh on toiseach agus an structar car toinnte.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Oct 09, 2013 11:32 pm
by Seonaidh
Chaidh form ùr bla-bla-bla bla-bla-bla fhoillseachadh... chan eil seo glè bhrèagha idir. Dè a-nis - "Sinn triùir rìghrean às an ear is"?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu Oct 10, 2013 6:32 am
by poor_mouse
Tha mi duilich, Akerbeltz!
Chaill mise 'fhoillseachadh' a bha aig deireadh an rosgrainn.
Tha mi air tuigsinn a-nis.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu Oct 10, 2013 7:05 am
by poor_mouse
Agus a-nis dè mu dheidhinn seo:
Naidheachdan BhBC
Cha do dhiùlt cothrom air earrainean an asgaidh ann an Royal Mail ach trì cheud agus trì fichead 's ochd de na ceud mìle gu leth duine a tha ag obair dhan bhuidhinn.
Cò dhiùlt?
An e 368 duine a dhiùlt cothrom air agus msaa?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu Oct 10, 2013 1:28 pm
by akerbeltz
Cha do dhiùlt [cothrom air earrainean an asgaidh ann an Royal Mail] ach 368 de na 150,00 duine a tha ag obair dhan bhuidhinn.
i.e.the subject here is 368 de na 150,00 duine
Feumaidh mi aideachadh gu bheil co-fhaireachdainn agam ri luchd nan naidheachdan Gàidhlig, chan eil ach ùine glè ghoirid aca G a chur air na naidheachdan. Cha seasainn fhìn ri stress mar seo ro mhath.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Fri Oct 11, 2013 6:36 am
by poor_mouse
Tapadh leat, Akerbeltz!
Seadh, chan eil obair aca ro fhurasda, bheir mi an t-urram dhaibh gu dearbh!
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Fri Oct 11, 2013 9:27 am
by An Gobaire
Dìreach. 'S fheudar gu bheil e gu math riaslach air uairean, a' feuchainn ri Gàidhlig a chur air pìos naidheachd gu clis, agus gun mhearachd.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sun Oct 20, 2013 12:30 pm
by poor_mouse
Naidheachdan BhBC
Thog an aithisg dragh mu mar a ghabhas oighreachdan a th' ann an làmhan na coimhearsnachd maoineachadh san àm ri teachd, leis gu bheil an ceithir ris an do choimhead iad uile a' faighinn airgid phoblaich.
An e "because there are the four, for which they are suppose to get public money"?