Page 12 of 14

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Oct 20, 2013 1:41 pm
by Níall Beag
poor_mouse wrote:Naidheachdan BhBC
Thog an aithisg dragh mu mar a ghabhas oighreachdan a th' ann an làmhan na coimhearsnachd maoineachadh san àm ri teachd, leis gu bheil an ceithir ris an do choimhead iad uile a' faighinn airgid phoblaich.
An e "because there are the four, for which they are suppose to get public money"?
Cha chreid mi nach eil moran Beurla ann.

Tha abairt ann "look to someone for something"/"look to someone to do something".

...the four who they looked to to get public money.

"look to someone"... sin gu ìre "bi an dùil", ach le beagan de "cuir ullach air".

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Oct 20, 2013 2:36 pm
by faoileag
Channainnsa gur e ''the 4 they were looking at" a th' ann.

..gu bheil an ceithir, ris an do choimhead iad, uile a' faighinn...

(possibly written by the same lover of English-style complicated inserted sub-clauses as in your previous article)

Air feadh an artaigil chì sinn 'bha iad a coimhead ri...'.

Chan e sin ach eisimpleir eile de seo, nam bheachdsa.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Oct 20, 2013 6:40 pm
by poor_mouse
Mòran taing!

Bhiodh sin nas fheàrr mas urrain dhomh an naidheachd seo lorg sa Bheurla; cha bhithinn-sa faighneachd ma deidhinn.
Cha robh mi cinnteach fiù 's an e 'ceithir' no typo...

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Mon Oct 21, 2013 12:28 am
by Seonaidh
Nach e "ceathrar" a b' fheudar a bhith an seo? 'S e an fhìrinn gur ann sa Bheurlaig a tha an aithris.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Mon Oct 21, 2013 6:59 am
by poor_mouse
An ceithir oighreachdan? An e 'cethrar' a tha am facal ceart air a shon?

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Mon Oct 21, 2013 10:10 am
by akerbeltz
Chan eil, tha "an ceithir" ceart, 's nàdar de dh'ainmearan a tha sna h-àireamhan (cf an aon duine, an dà thaigh is msaa) agus tha ainmear an dèidh an àireamh. Nam biodh an àireamh leis fhèin, bhiodh ceathrar na b' fhearr.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Mon Oct 21, 2013 2:53 pm
by poor_mouse
Tapadh leat, Akerbeltz!

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Mon Oct 21, 2013 5:42 pm
by Níall Beag
A Sheonaidh,
Tha mi air rudeigin éisteachd a tha car coltach ris a' Chuimris. "...sianar de balaich..." 's mar sin air adhart.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Mon Oct 21, 2013 10:24 pm
by Seonaidh
Svartgeit - Seo na bh' ann, a rèir Eilidh:-
Thog an aithisg dragh mu mar a ghabhas oighreachdan a th' ann an làmhan na coimhearsnachd maoineachadh san àm ri teachd, leis gu bheil an ceithir ris an do choimhead iad uile a' faighinn airgid phoblaich.
Sin e "an ceithir", gun ainmear. Agus mar sin dheth chuir me "an ceathrar".

"Sianar de bhalaich" - inntinneach. "Chwech o fechgyn"...tha mi a' creidsinn gu bheil "chwe bachgen" nas cumanta sa Chuimris co-dhiù.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Tue Oct 22, 2013 1:08 pm
by Níall Beag
Seonaidh wrote:Svartgeit - Seo na bh' ann, a rèir Eilidh:-
Thog an aithisg dragh mu mar a ghabhas oighreachdan a th' ann an làmhan na coimhearsnachd maoineachadh san àm ri teachd, leis gu bheil an ceithir ris an do choimhead iad uile a' faighinn airgid phoblaich.
Sin e "an ceithir", gun ainmear. Agus mar sin dheth chuir me "an ceathrar".
You've missed his point. If it was a pronominal number representing people it would be "ceathrar", but it's not people, so the normal number form applies.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Tue Dec 31, 2013 7:54 am
by poor_mouse
Naidheachdan BhBC wrote:ann an Tuticorin ann an iar-dheas na h-Innseachain
...

polais nan Innseachain
Nach bhiodh 'nan Innseachan' nas fheàrr?

Agus dè mu dheidhinn seo:
Beag air bheag wrote:ann an ceàrnag iar-deas na dùthcha
Iar-deas no iar-dheas?

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Tue Dec 31, 2013 12:09 pm
by akerbeltz
Seadh, mearachdan a th' annta. Chan eil goireasan dearbhaidh aca aig a' BBC.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Wed Jan 01, 2014 10:24 am
by poor_mouse
Mòran taing, Akerbeltz!

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Mon Feb 03, 2014 10:49 am
by poor_mouse
BBC Naidheachd wrote:Rinn Luchd-Sgrùdaidh Foghlaim na Bànrighinn moladh air Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas.
Dh'iarraidh mi air An Fhaclair Bheag mu dheidhinn an fhacail "Bànrighinn", agus cha lorg mi ach
bànrigh /bãũNRɪ/ Listen
boir. gin. -e, iol. -ghrean
queen
agus
Port na Banrighinn
ainm.
North Queensferry (Fife)
a-mhàin. Dè an cruth a tha seo? An e tuiseal ginideach den fhacal "bànrigh" a tha ann?

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Mon Feb 03, 2014 4:16 pm
by akerbeltz
Tha am facal ud gu math mì-riaghailteach, 's e an rud a tha cunbhalach mu dheidhinn gur e /bauN/ a' ciad lide. Ach a thaobh litreachaidh is nan tuislean, chan eil aonta ann idir.