Page 13 of 14
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Tue Feb 04, 2014 7:00 am
by poor_mouse
Ach a bheil "na Bànrighinn" a' ciallachadh an aon rud ri "na Bànrighe", 's e sin an tuiseal ginideach?
Chunnaic mi "shluagh na h-Albann" cuideachd (
Naidheachdan BhBC); 's dòcha gur e an cruth den tuiseil ghinideach leis "-nn" aig a dheireadh.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Tue Feb 04, 2014 8:35 am
by akerbeltz
Ach a bheil "na Bànrighinn" a' ciallachadh an aon rud ri "na Bànrighe", 's e sin an tuiseal ginideach?
Tha
Chunnaic mi "shluagh na h-Albann" cuideachd (Naidheachdan BhBC); 's dòcha gur e an cruth den tuiseil ghinideach leis "-nn" aig a dheireadh.
'S e, car seann-fhasanta an-diugh
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Tue Feb 04, 2014 10:49 am
by poor_mouse
Tapadh leat, Akerbeltz!
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Fri Feb 07, 2014 4:33 pm
by Níall Beag
Re: albann
Bho chionn fhada, bha N aig deireadh an fhacail. Tha e fhathast ann sa Ghaelige ("Albain") agus sa Chuimris ("Alban").
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sat Feb 08, 2014 8:53 am
by poor_mouse
Tha sin glè inntinneach! Mòran taing, a Neill.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sun Feb 09, 2014 12:48 am
by An Gobaire
Ged a tha coltas seanagarra oirre a rèir Gàidheil na h-Alba, tha Gàidheil Albainn Nuaidh ga cleachdadh fhathast.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sun Feb 09, 2014 6:02 pm
by poor_mouse
'S ann an-seo:
http://www.bbc.co.uk/naidheachda a chunnaic mi "sluagh na h-Albann".
'S dòcha gun cleachdaidh iad an dà chuid an cruth seo agis "na h-Alba".
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Tue Mar 04, 2014 1:39 pm
by poor_mouse
Naidheachdan BhBC:
Cho-dhùin Comataidh Dealbhachaidh Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh na bu thràithe air a' mhìos gun cuireadh iadsan an aghaidh an tuath-ghaoithe cuideachd, 's iad a' dol an aghaidh moladh nan oifigearan dealbhachaidh aca gun gearain a thogail
Cuiridh An Comataidh (iad) an aghaidh an tuath-ghaoithe. (Thuig mi seo).
Tha iad (an Comataidh?) a' dol an aghaidh moladh nan oifigearan dealbhachaidh aca.
... am moladh gun gearain a thogail -- An e "recommendation not to complain"?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Tue Mar 04, 2014 4:22 pm
by GunChleoc
= airson gearain a thogail
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Mar 05, 2014 6:54 am
by poor_mouse
'S e "gun" nach do thuig mise. An e "gu"+"an"?
Agus nan sgrìobhadh iad "moladh gun togail" (m.e.), am biodh "not" no "airson" ann?
Tha mo cheann na bhrochan gu dearbh!
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed Mar 05, 2014 12:24 pm
by GunChleoc
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu Mar 06, 2014 5:40 am
by poor_mouse
Seadh, mòran taing!
Ach ciamar as urrainn dhomh thuigsinn gur e roimhear a tha ann 's nach eil "not" an-seo?
Tha mi den bheachd gum bidh "not" ann ann an abairt mar seo: "am moladh gun gearain" no "am moladh gun togail" (the recommedation without complain / without bhuilding, lifting etc.).
A bheil sin ceart no ceàrr?
Agus is e "airson" an-sin a chionn "gearain a thogail" a tha ann -- an t-ainmear gnìomhaireach còmhla ris a' chuspair dhìreach?
An bheil "am moladh gus an togail sa bhad" (gun cuspair dìreach) ceart ma-thà? -- "the recommendation to build straight away".
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu Mar 06, 2014 8:39 am
by An Gobaire
'S e mearachd a th'ann, feumar a ràdh. Tha dà mhearachd ann.
'S e giorrachadh a th' ann an "gu" de "gus" co-dhiù, mar sin, san t-seadh seo, bha còir aig an sgrìobhadair "gus an gearan a thogail" a chleachdadh an seo oir chan eil "gluasad (motion)" air a chur an cèill idir. Tha an roimhear "gu+an" air a chleachdadh nuair a bhios gluasad an lùib a' ghnothaich.
An dàrna mearachd. Uill cia mheud gearan a tha iad ag iarraidh a thogail?
Gearan no gearanan - 's chan e "gearain"...
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu Mar 06, 2014 9:52 am
by akerbeltz
's iad a' dol an aghaidh moladh nan oifigearan dealbhachaidh aca gun gearain a thogail
Tha 2 dhòigh ann seo a leughadh (taing dha GOC...)
1 gun gearain a thogail = without raising objections
2 gu an gearain a thogail = to raise their objections
'S e
a' [ainmear gnìomhaireach] gun [ainmear] a [ainmear gnìomhaireach] am pàtran air not to do xyz
Mar sin, bha Luchag ceart sa chiad dol a-mach. Tha seo cha mhòr facal air an fhacal san
naidheachd aca-san cuideachd (a' chiad earrann):
The Planning Committee of the Cairngorms National Park Authority (CNPA) is to submit an objection to the 20-turbine Cairn Duhie windfarm, despite planning officers’ recommending not to.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu Mar 06, 2014 11:02 am
by poor_mouse
'S math sin!
Tapadh leibh, Akerbeltz agus a Ghobaire!
Cha chreid mi gu bheil seo cho furasda...
Mar sin,
1. Gluasad:
gu + an (their) = gun: Chuir mi an litir agam gun caraidean-san (I sent my letter to their friends).
gu + an (the) = chun: Chaidh e chun na chrìche.
2. Faodaidh agus feumaidh sibh gearanan a thogail:
Bha iad a' moladh gus gearanan a thogail.
Chaidh a mholadh gun togadh sibh an gearan.
3. Na togaibh gearanan:
Bha iad a' moladh gun gearanan a thogail.
Chaidh a mholadh nach togadh sibh gearanan.
A bheil sin ceart?