Page 14 of 14
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu Mar 06, 2014 10:56 pm
by Seonaidh
Tha rudeigin eile ann cuideachd. Bidh sinn eòlach air "An Gearasdan" agus, 's dòcha, sidhnichean leithid "Fàilte don Ghearasdan" no "Fàilte gu A' Ghearasdan" no "Fàilte gun Ghearasdan" no "Fàilte chun A' Ghearasdain". Oir nuair a chiallaicheas "gu" rudeigin mar "do" no sa Chuimris "tuag at" ('s dòcha ruigsinn geataichean A' Ghearasdain a-mhàin), faodar "chun" + alt ginideach a chleachdadh.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Fri Mar 07, 2014 5:54 am
by poor_mouse
An tèid rud mar "Fàilte gu A' Ghearasdan" a chleachdadh gu dearbh?
Bha mi den bheachd nach "gu"+"an"(the) ach "gus a'/an/am"...
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Fri Mar 07, 2014 10:34 pm
by Seonaidh
Uill, mar as àbhaist tha "gus" a' ciallachadh rudeigin a thachras tron àm, seach astar.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sat Mar 08, 2014 7:34 am
by poor_mouse
Seadh, agus 's dòcha gur e "chun" a thathar a' cleachdadh nuair a their sinn mu astar...
Cha robh mi eòlach air "gun" airson sin.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sat Mar 08, 2014 11:49 pm
by Seonaidh
Uill, chan eil mise ga chleachdadh mar sin, ach tha mi a' creidsinn gur ann ceart a tha e. Tha taigh ann am Breacais leis an ainm "Gun Ainm".
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sun Mar 09, 2014 9:02 am
by poor_mouse
Seo "Unnamed"? Tha sin fìor èibhinn!