Page 5 of 14

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 11:15 am
by GunChleoc
Tha "Tuilleadh" aig a' bhonn, ach chan fhaca mi inneal-rannsachaidh idir.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 12:06 pm
by akerbeltz
Tha am BBC (gu mì-fhortanach) a' toirt air falbh prògraman BBC Alba gu math sgiobalta. Gheibh thu prògraman na Beurla fad seachdain ann, saoilidh mi, ach chan fhaigh thu prògraman Gàidhlig no Cuimris ach air an latha fhèin uaireannan.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 12:39 pm
by poor_mouse
Seadh, tha mi air ceanglaichean a stòradh, mar eisimpleir: Naidheachdan: 1 An Giblean, agus tha iad ag obrachadh ceart gu leòr.

Ach, mar eisimpleir, tha 24mh An Giblean a dhìth orm, agus chan urrainn dhomh a lorg. 'S bochd sin! :(

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 1:56 pm
by poor_mouse
Am Faclair Beag wrote:dùblaich /duːb:ɪç/
gn. ag. -lachadh
double
A bheil na fuaimean seo ceart? Nach e [l] (L) a tha anns an fhacal seo?
'S dòcha gun cuala mi e ann.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 1:58 pm
by GunChleoc
Tha thu ceart, cha chreid mi nach eil e a dhìth

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 2:10 pm
by akerbeltz
Àidh, tha litir a dhìth, cuiridh mi ann e nuair a bhios an server upgrade deiseil. taing!

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 6:13 pm
by Thrissel
akerbeltz wrote:Tha am BBC (gu mì-fhortanach) a' toirt air falbh prògraman BBC Alba gu math sgiobalta. Gheibh thu prògraman na Beurla fad seachdain ann, saoilidh mi, ach chan fhaigh thu prògraman Gàidhlig no Cuimris ach air an latha fhèin uaireannan.
Tha eagal orm gu bheil thu a' measgachadh dà rud - BBC Naidheachdan agus BBC iPlayer. Tha a' mhòr-chuid de phrògraman iPlayer ann airson aon sheachdain (ged faodar gan "luchdadh a-nuas" airson mìos) agus as dèidh sin tha iad air falbh, BBC Alba ann no às. Tha na naidheachdan air an cumail, fhad 's as fhiosrach mi, gu bràth, ach 's e an trioblaid cha mhòr nach eil an lorgair naidheachdan a' sireadh am measg nan naidheachdan Bheurla a-mhàin. Feuch, mar eisimpleir, a' bhidio seo bhon Iuchar an-uiridh a' lorg leis an lorgair. Cha chreid mi gun soirbhich thu. Mar sin, tha mi gu math cinnteach gu bheil na Naidheachdan 11:00 bhon 24 Giblean san àite air choireigin ann fhathast (ma bha iad ann sa chiad dol a-mach, gu nàdarra), ach càite... aig Sealbh tha brath.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 6:29 pm
by akerbeltz
tha mi gu math cinnteach gu bheil na Naidheachdan 11:00 bhon 24 Giblean san àite air choireigin ann fhathast
Chan eil, uaireannan bidh e fiù ag innse dhut gu bheil rud "an-seo" ach chan eil. 'S e rud eadar-dhealaichte bh' agad an-sin, sin video leabaichte ann an duilleag, mairidh iad ann gun teagamh.

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Sun Apr 28, 2013 7:22 pm
by Thrissel
Nochdaidh na Naidheachdan 11:00 uile air an làrach ann am fòrmat video, mar gum biodh, faic an tè 'son 1 Gibl ris a cheangail Luch Bochd.
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/21994204
Tha an naidheachd as ùire de Dhihaoine -
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/22307354
- fuirichemaid am biodh an ceangal ag obair aon mhìos bho seo, glè mhath? :spors:

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Tue Apr 30, 2013 6:45 am
by poor_mouse
Seadh, 's bochd sin!

Feumaidh mi sealltainn agus an ceangal a ghlacadh sa mhionaid (uill, san latha co-dhiù), nuair a chì mi "Naidheachdan 11" ùra. :)

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Tue Apr 30, 2013 2:15 pm
by poor_mouse
Naidheachdan:
Math dh'fhaoidte gu bheil sin pìos às fhathast, ach chan eil teagamh nach eil gnothaichean nas dòchasaich na bha iad ann an 2002.
A bheil sin a' ciallachadh NACH EIL gnothaichean nas dòchasaiche a-nis, no GU BHEIL iad nas dòchasaiche?
Chan eil mi cinnteach...

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Wed May 01, 2013 8:56 am
by poor_mouse
Agus seo an dàrna ceist: bha mi a' sireadh "Albainn" san Fhaclair Bheag, agus lorg mi "Alba".

'S dòcha gu bheil seo an tuiseal ginideach, nach eil?

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Wed May 01, 2013 10:41 am
by akerbeltz
Albainn
Seann tuiseal tabhartach, thoir sùil air a' full entry (briog air an fhacal ghorm)
ach chan eil teagamh nach eil gnothaichean nas dòchasaich na bha iad ann an 2002
Sin an double negative > positive, cf cha chreid mi gu bheil e mòr > tha e beag vs cha chreid mi nach eil e mòr > tha e mòr. Ach feumaidh mi aideachadh nach cuala mi chan eil teagamh 'ga chleachdadh mar seo roimhe, inntinneach :)

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Wed May 01, 2013 2:07 pm
by poor_mouse
Tapadh leat!

Seo an "chan eil teagamh" eile (Naidheachdan)
"Tha e duilich tomhais cheart a dhèanamh air dè a' bhuaidh dha-rìribh a bh' aige seo air an eaconamaidh, bhon chan eil teagamh ann nach eil an eaconamaidh air a bhith lag co-dhiù o chionn dhà no thrì bliadhnaichean, mar a h-uile pàirt eile den Rìoghachd.
Tha sin neònach dhomh, bhithinn den bheachd gu bheil "chan eil teagamh" agus "gun teagamh" co-ionnan ri chèile, ach tha iad dìreach comhaicheach!

Re: What does it mean? Various questions

Posted: Wed May 01, 2013 5:59 pm
by GunChleoc
Seo an diofar eadar "chan eil teagamh" is "chan eil teagamh ann"