What does it mean? Various questions
Re: What does it mean? Various questions
Rud a tha cudromach le 'doubt', 's e toiseach na seantans:
Tha teagamh agam (I doubt), no chan eil teagamh agam (I don't doubt).
Tha 'but that' a' ciallachadh an aon rud ri 'that', 's dòcha tha e beagan nas làidire le 'but'.
San eisimpleir ann an Dwelly - sa Bheurla Albannach tha sin ag obrachadh cuideachd. .
I'll take the dictionary if the print isn't but on the one side. = only if the print is on the one side. (not+but=only)
'S dòcha gun tàinig sin bho Ghàidhlig. A bheil luchd na Beurla Sassanach ann a bhios a' cleachdadh 'don't doubt but that' / 'if +not+but' anns an aon dòigh?

-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
This part of the sentence is quite clear, but 'chan eil teagamh' (I don't doubt) + 'nach eil X' = X -- that's the strange and illogical thing.faoileag wrote:Rud a tha cudromach le 'doubt', 's e toiseach na seantans:
Tha teagamh agam (I doubt), no chan eil teagamh agam (I don't doubt).
'S dòcha gum bi 'chan eil teagamh gu bheil X' = 'chan eil teagamh nach eil X', dè ur beachd?
Eilidh -- Luchag Bhochd
Re: What does it mean? Various questions
Chan fheum e a bhith 'loidsigeach' a-rèir gràmair ach a-rèir faireachdain.
Tha iad nas dòchasaiche.
Faodaidh tu ràdh "...chan eil teagamh gu bheil..'' ach tha 'nach eil' nas nàdarra agus nas treasa, nam bheachdsa.
Chanainn sa Bheurla (Albannach) - there's no doubt but that things are...
'S dòcha gur e cìall/beachd eile a tha air a chùl:
Chan eil teagamh ann nach eil (suidheachadh ann ach gu bheil ) gnothaicheanan nas dòchasaiche.
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/22351598Math dh'fhaoidte gu bheil sin pìos às fhathast, ach chan eil teagamh nach eil gnothaichean nas dòchasaich na bha iad ann an 2002.
Tha iad nas dòchasaiche.
Faodaidh tu ràdh "...chan eil teagamh gu bheil..'' ach tha 'nach eil' nas nàdarra agus nas treasa, nam bheachdsa.
Chanainn sa Bheurla (Albannach) - there's no doubt but that things are...
'S dòcha gur e cìall/beachd eile a tha air a chùl:
Chan eil teagamh ann nach eil (suidheachadh ann ach gu bheil ) gnothaicheanan nas dòchasaiche.
-
- Rianaire
- Posts: 1783
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
Ceist agam ort, Luchaig - ciamar a chanadh tu sin 'nad chànan fhèin, rud mar "there is no doubt it's cold in Siberia" no rud mar sin? Co mheud negative a th' ann? Saoil a bheil 'gad chur cearr?
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
Seadh, tha sin soilleir le "ach"; nì "ach" an gnòthach.faoileag wrote:Chanainn sa Bheurla (Albannach) - there's no doubt but that things are...
'S dòcha gur e cìall/beachd eile a tha air a chùl:
Chan eil teagamh ann nach eil (suidheachadh ann ach gu bheil) gnothaicheanan nas dòchasaiche.

Tha mi san aon bheachd; 's dòcha gur e rud sam bith coltach ri sin a tha ann.
Без сомнения в Сибири холодно = 'S ann gun teagamh... -- one negation+doubts=assertion.akerbeltz wrote:Ceist agam ort, Luchaig - ciamar a chanadh tu sin 'nad chànan fhèin, rud mar "there is no doubt it's cold in Siberia" no rud mar sin? Co mheud negative a th' ann? Saoil a bheil 'gad chur cearr?
Ged a tha sinne ag ràdh, mar eisimpleir: Я не вижу никого [нигде, никогда] ~ I do not see nobody [nowhere, never]: one negation + some negative intensifiers.
Ach dè mu dheidhinn an ceist agamsa?
poor_mouse wrote:'S dòcha gum bi 'chan eil teagamh gu bheil X' = 'chan eil teagamh nach eil X', dè ur beachd?
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
Saoilidh mi gu bheil seo ceartpoor_mouse wrote:'S dòcha gum bi 'chan eil teagamh gu bheil X' = 'chan eil teagamh nach eil X', dè ur beachd?
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
Re: What does it mean? Various questions
Thuirt mise an aon rud gu h-àrd.
Ach tha 'nach eil' nas idiomatic, channainnsa.
Ach tha 'nach eil' nas idiomatic, channainnsa.
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: What does it mean? Various questions
Tha rudan leithid "I doubt but that..."fhathast beò ann an dualchainnt Fìobha. Agus anns an t-Seann Bheurla - agus fhathast an-diugh an iomadh dualchainnt Beurla - tha na h-intensifiers ann, m.e. "Me? I never did nothing". Ach anns a' chànan "oifigeil" chiallaicheadh "I never did nothing" "I did something". Seo troimh-chèile air sàillibh feuchainn ri gràmar Laideann a chleachdadh don Bheurla.
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
Mòran taing, a charaidean! Tha sin fada na soilleire dhomh a-nis.
(Bha mi air falbh san Fhionnlann, agus tha mi air ais dhachaidh a-nis agus tha mi dìreach air na freagairtean agaibh leughadh).
(Bha mi air falbh san Fhionnlann, agus tha mi air ais dhachaidh a-nis agus tha mi dìreach air na freagairtean agaibh leughadh).
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
An-seo:
UPD: 'S dòcha gur e "ward" a tha ann -- lorg mi an naidheachd seo sa Bheurla. A bheil sin ceart?
Dè tha an "uàrd" a' ciallachadh? Chan urrain domh faighinn a-mach...Chaidh Ospadal Inbhir Ghòrdain, anns nach eil ach an aon uàrd, a dhùnadh Diardaoin.
UPD: 'S dòcha gur e "ward" a tha ann -- lorg mi an naidheachd seo sa Bheurla. A bheil sin ceart?
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
Cha chreid mi nach eil - litreachadh Gàidhlig air an fhacal Bheurla.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
Mòran taing, bha mi ann an imcheist an toiseach.
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
Lorg mi an "sgithinn" san Fhaclail Bheag:
Ach chan eil "sgithinn" fhèin ann. Carson?sgian /sgʲiən/
boir. gin. sgeine, iol. -an
knife
Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 939
- Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
- Language Level: beginner
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Ruis, St Petersburg
- Contact:
Re: What does it mean? Various questions
Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn "co-dhuibh" an àite "co-dhiù", agus tha an aon rud ann an-seo:
Tha e coltach ri siostam sam bith.Naidheachdan BBC wrote:Tha sgioba Cill Taraghlain fhathast gun gheama a chall am bliadhna is bidh sùil acasan air co-dhuibh aona duais a thogail anns na mìosan ri tighinn.
...
Chaidh Bail' Ùr an t-Slèibh air adhart gun strì, 5-0 aig an taigh an aghaidh Loch Abair, is Danny MacRath le trì dhuibh.

Eilidh -- Luchag Bhochd
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: What does it mean? Various questions
"Dhuibh": sin "do" no "dha" + "sibh"
"Dhiubh": sin "de" no "dhe" + "iad"
Cha chreid mi nach mearachd a th' ann an seo...
"Dhiubh": sin "de" no "dhe" + "iad"
Cha chreid mi nach mearachd a th' ann an seo...