Page 7 of 14
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Tue May 07, 2013 1:31 pm
by faoileag
Rud a tha cudromach le 'doubt', 's e toiseach na seantans:
Tha teagamh agam (I doubt), no chan eil teagamh agam (I don't doubt).
Tha 'but that' a' ciallachadh an aon rud ri 'that', 's dòcha tha e beagan nas làidire le 'but'.
San eisimpleir ann an Dwelly - sa Bheurla Albannach tha sin ag obrachadh cuideachd. .
I'll take the dictionary if the print isn't but on the one side. = only if the print is on the one side. (not+but=only)
'S dòcha gun tàinig sin bho Ghàidhlig. A bheil luchd na Beurla Sassanach ann a bhios a' cleachdadh 'don't doubt but that' / 'if +not+but' anns an aon dòigh?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed May 08, 2013 6:21 am
by poor_mouse
faoileag wrote:Rud a tha cudromach le 'doubt', 's e toiseach na seantans:
Tha teagamh agam (I doubt), no chan eil teagamh agam (I don't doubt).
This part of the sentence is quite clear, but 'chan eil teagamh' (I don't doubt) + 'nach eil X' = X -- that's the strange and illogical thing.
'S dòcha gum bi 'chan eil teagamh gu bheil X' = 'chan eil teagamh nach eil X', dè ur beachd?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed May 08, 2013 1:05 pm
by faoileag
Chan fheum e a bhith 'loidsigeach' a-rèir gràmair ach a-rèir faireachdain.
Math dh'fhaoidte gu bheil sin pìos às fhathast, ach chan eil teagamh nach eil gnothaichean nas dòchasaich na bha iad ann an 2002.
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/22351598
Tha iad nas dòchasaiche.
Faodaidh tu ràdh "...chan eil teagamh gu bheil..'' ach tha 'nach eil' nas nàdarra agus nas treasa, nam bheachdsa.
Chanainn sa Bheurla (Albannach) -
there's no doubt but that things are...
'S dòcha gur e cìall/beachd eile a tha air a chùl:
Chan eil teagamh ann nach eil (
suidheachadh ann ach gu bheil ) gnothaicheanan nas dòchasaiche.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed May 08, 2013 5:55 pm
by akerbeltz
Ceist agam ort, Luchaig - ciamar a chanadh tu sin 'nad chànan fhèin, rud mar "there is no doubt it's cold in Siberia" no rud mar sin? Co mheud negative a th' ann? Saoil a bheil 'gad chur cearr?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed May 08, 2013 8:13 pm
by poor_mouse
faoileag wrote:Chanainn sa Bheurla (Albannach) - there's no doubt but that things are...
'S dòcha gur e cìall/beachd eile a tha air a chùl:
Chan eil teagamh ann nach eil (suidheachadh ann ach gu bheil) gnothaicheanan nas dòchasaiche.
Seadh, tha sin soilleir le "ach"; nì "ach" an gnòthach.
Tha mi san aon bheachd; 's dòcha gur e rud sam bith coltach ri sin a tha ann.
akerbeltz wrote:Ceist agam ort, Luchaig - ciamar a chanadh tu sin 'nad chànan fhèin, rud mar "there is no doubt it's cold in Siberia" no rud mar sin? Co mheud negative a th' ann? Saoil a bheil 'gad chur cearr?
Без сомнения в Сибири холодно = 'S ann gun teagamh... -- one negation+doubts=assertion.
Ged a tha sinne ag ràdh, mar eisimpleir: Я
не вижу
никого [
нигде,
никогда] ~ I do not see nobody [nowhere, never]: one negation + some negative intensifiers.
Ach dè mu dheidhinn an ceist agamsa?
poor_mouse wrote:'S dòcha gum bi 'chan eil teagamh gu bheil X' = 'chan eil teagamh nach eil X', dè ur beachd?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu May 09, 2013 9:01 am
by GunChleoc
poor_mouse wrote:'S dòcha gum bi 'chan eil teagamh gu bheil X' = 'chan eil teagamh nach eil X', dè ur beachd?
Saoilidh mi gu bheil seo ceart
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu May 09, 2013 6:41 pm
by faoileag
Thuirt mise an aon rud gu h-àrd.
Ach tha 'nach eil' nas idiomatic, channainnsa.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sat May 11, 2013 9:18 pm
by Seonaidh
Tha rudan leithid "I doubt but that..."fhathast beò ann an dualchainnt Fìobha. Agus anns an t-Seann Bheurla - agus fhathast an-diugh an iomadh dualchainnt Beurla - tha na h-intensifiers ann, m.e. "Me? I never did nothing". Ach anns a' chànan "oifigeil" chiallaicheadh "I never did nothing" "I did something". Seo troimh-chèile air sàillibh feuchainn ri gràmar Laideann a chleachdadh don Bheurla.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Sun May 12, 2013 5:40 pm
by poor_mouse
Mòran taing, a charaidean! Tha sin fada na soilleire dhomh a-nis.
(Bha mi air falbh san Fhionnlann, agus tha mi air ais dhachaidh a-nis agus tha mi dìreach air na freagairtean agaibh leughadh).
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed May 15, 2013 9:25 am
by poor_mouse
An-seo:
Chaidh Ospadal Inbhir Ghòrdain, anns nach eil ach an aon uàrd, a dhùnadh Diardaoin.
Dè tha an "uàrd" a' ciallachadh? Chan urrain domh faighinn a-mach...
UPD: 'S dòcha gur e "ward" a tha ann -- lorg mi an naidheachd seo sa Bheurla. A bheil sin ceart?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed May 15, 2013 4:49 pm
by GunChleoc
Cha chreid mi nach eil - litreachadh Gàidhlig air an fhacal Bheurla.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Wed May 15, 2013 7:29 pm
by poor_mouse
Mòran taing, bha mi ann an imcheist an toiseach.
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu May 16, 2013 1:42 pm
by poor_mouse
Lorg mi an "sgithinn" san Fhaclail Bheag:
sgian /sgʲiən/
boir. gin. sgeine, iol. -an
knife
Ach chan eil "sgithinn" fhèin ann. Carson?
Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu May 16, 2013 2:14 pm
by poor_mouse
Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn "co-dhuibh" an àite "co-dhiù", agus tha an aon rud ann
an-seo:
Naidheachdan BBC wrote:Tha sgioba Cill Taraghlain fhathast gun gheama a chall am bliadhna is bidh sùil acasan air co-dhuibh aona duais a thogail anns na mìosan ri tighinn.
...
Chaidh Bail' Ùr an t-Slèibh air adhart gun strì, 5-0 aig an taigh an aghaidh Loch Abair, is Danny MacRath le trì dhuibh.
Tha e coltach ri siostam sam bith.

Re: What does it mean? Various questions
Posted: Thu May 16, 2013 5:44 pm
by Seonaidh
"Dhuibh": sin "do" no "dha" + "sibh"
"Dhiubh": sin "de" no "dhe" + "iad"
Cha chreid mi nach mearachd a th' ann an seo...