Keef - cridhe na h-Alba Chuimrise...

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Keef - cridhe na h-Alba Chuimrise...

Unread post by Seonaidh »

Bha mi ann am Baile Cithe Disathairne còmhla ri mo mhac agus thachair gun robh sinn a' fuireach aig an stèisean is chunnaic sinn fòn air a' bhalla airson AlbReile a dh'fhònadh. Uill, thog mo mhac an receiver agus bha taisbeanadh ann - sa Bheurla - ach bha dòigh airson cànan a thaghadh.

A dyma ni - tipyn o Ffrangeg, Almaeneg - a Chymraeg! (And here we are - a bit of French, German - and Welsh!). Ach cha robh Gàidhlig ann idir. Chan eil mi cinnteach, gu dearbh, ach bhithinnsa a' creidsinn gur e a' chiad neach an sin a bha mi am b' urrainn a' Chuimris a thuigsinn.

'S dòcha gum bi mi a' sgrìobhadh ri AlbReile mu dheidhinn seo...
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

M&S agus a-nis Scotrail. Feumaidh Gàidhlig a bhith ann. Seo beachd a chuir mi an àirde air mo bhlog.

'Leis a leithid innealan a tha seo tha sinn a’ toirt sùil air an am ri teachd. Seo na tha an t-ar-a-mach teicneolas a' toirt dhuinn. Chì sinn fada a bharrachd den leithid agus innealan eile a bhuaileas air a h-uile pàirt den bheatha àbhaisteach againn. Mura bheil àite don Ghàidhlig an luib an techneòlais ùr tha cunnart ann gun teid i a-mach a shealladh sa bheatha latheil san am ri teachd.'

Not a transtlation of the above but in the same vein...
Gaelic has to be on the like of these machines and services. This technology will intrude on our lives more and more. If Gaelic isn't there then to all intents and purposes to users of new technologies it won't exist!
Hopefully Bòrd na Gàidhlig is on the case of M&S and Scotrail?
Post Reply