Page 1 of 1

Litir bho Bòrd na Gàidhlig dhan a' Daily Mail

Posted: Fri Aug 07, 2009 7:37 pm
by *Alasdair*
Litir Ghàidhlig
Litir Bheurla

Chan fhaca mi an artagail seo ach san fharsaingeach tha mi seach searbh sgith dhuibh. An e dìreach mise, no a bheil a h-uile rud a leugh thu sna pàipearan-naidheachd nàiseanta an aghaidh na Gàidhlig ann an dòigh air choireigin?

Posted: Sun Aug 09, 2009 8:35 pm
by Seonaidh
A bheil thu eòlach air "Hurrah for Hitler" (no rudeigin mar sin) às an Daily Mail sna 30an? Dè tha iad ag ràdh sa Bheurla - "a leopard never changes its spots" ma tha cuimhne ceart agam. 'S dòcha gu bheil pàipearan eile an aghaidh a' chànain cuideachd, ach chan eil iad cho "ffyrnig" ris an D Mail. (tha mi duilich - chan eil faclair Cuimris-Gàidhlig agam: 's e "ffyrnig" am facal as toil leam an seo, ach chan eil eadar-theangachadh ceart ann. Rudeigin mar "an aghaidh" agus "feargach")