Seo dà phìos a thog mi as a'Phaipear Bheag. Chan fhaigh thu air loidhne iad, tha a h-uile pìos sgriobhaidh air culaibh 'balla-phàigheadh'. Faodaidh tu a bhith ga leughadh sa chruth craoibh mharbh ge-tà.
Seo na sgrìobh e an turas seo:
'Tha e gu h-àraidh doirbh dhomh a thuigsinn ann an Saoghal na Gàidhlig, far a bheil e gu math soiller dhomhsa co-dhiù gur de dilseachd dhan bhuidheann neo dhan institiud am prìomh rud a tha aig cridhe iomadach neach, seach dilseachd dhan chànan fhèin. Tha a' chùmhnant obrach, mar gum bitheadh, a' gabhail prìomhacas thairis air a' chùmhnant mhòr mhoralta a tha againn uile ri ar coimhearsnachd agus ri ar n-eachdraidh. Canaidh iad gur i an aon rud a th'ann. Chan e. Oir mar a thuirt Crìosd fhèin, chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh gu dà thighearna.'
'...Mur buin an Rebholution - noe gu dearbh a' Ghàidhlig - gu slàn dhan t-sluagh choiticheann, cha bhuin i do dhuin' idir. Agus 's ann air a' bhlàr sin a gheibh a' Gàidhlig cuideachd beatha neo bàs.'