An toil leat ceòl, bàrdachd no ealain sam bith eile? Am faca tu rudeigin inntinneach air an TBh? Innse dhuinn air / Do you like music, poetry or any other art form? Did you see anything interesting on the telly? Tell us about it
‘Gun robh do làmhan dripeil is gun robh do chasan clis
Is làidir nuair a thèid à fradharc a’ ghrian a bha ris,
Gun gabh thu duan ‘s port-à-beul gu sunndach (is gu feum)
Is gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.’
Le Runrig, 's fhèarr leam Chì mi 'n Geamhradh cuideachd, agus An Toll Dubh, agus Sona.
Sna laithean seo, tha mi ag èisdeachd ri Griogair Labhruidh gu tric. Is toil leam Suibhal a' Choire, Àirde Chuain agus Seanduine Dóite/Bail Inbhir Aora gu h-àraidh.
'S toigh leam "Nuair a ràinig mi am baile" – òran Uibhisteach a chuala mi aig Julie Fowlis. Orain eile is math leam: Cànan nan Gàidheal, An t-Eilean mu Thuath, ‘S truagh nach do rugadh dall mi, Cearcal a’ Chuain, Oran Chaluim Sgàire, Màiri Nighean Dhòmhnaill…..obh obh, a bhalaich ort, tha an liosta seo gun chrìoch!
MartinMcNicol wrote:Càit a bheil thu ag cluinn an t-òran " cànan nan Gàidheal"
Càite an cluinn thu an t-òran "Cànan nan Gàidheal"?
Seo na faclan a bhios mise cleachdadh. Seinnidh mi e sa chlas Diardaoin. Chan fhaigh mi lorg air an eadar-theangachadh agus chan eil mi cinnteach ma tha an litreachadh buileach ceart. Cuideachd chan eil a h-uile rann ann.
Cha b’ e sneachda ’s an reothadh bho thuath
cha b’ e ’n crannadh geur, feur bhon ear
cha b’ e ’n uisge ’s an gailleann bhon iar
ach an galair a bhlian bhon deas
blàth, duilleach, stoc agus freumh
cànan mo threubh is mo shluaigh.
Sèist
Thuig thugainn, thuig còmh’ ruim gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn;
thuig thugainn, thuig còmh’ ruim gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.
Uair a chìthear fear fèileadh sa ghleann
bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt.
Ach a spìon iad an fhreumh às an fhonn:
’n àite Ghàidhlig tha Cànan a’ Ghoill,
’s a’ Ghàidhealtachd, creathall nan sonn,
’s tìr “majors” is “colonels” ’n-diugh a th’ innt’.
“Thoir an nuas dhuinn na coinnlearan òir,
’s annta càribh na coinnlean geal’ cèir;
lasaibh suas iad an seòmar a’ bhròin,
taigh aire seann chànain a’ Ghàidheil.”
’S e siud o chionn fhad’ thuirt a nàmh,
ach fhathast tha beò Cànan nan Gàidheal
Ged a theich i le beath’ às na glinn,
ged nach cluinnear a-nis muigh san dùn
o dhùthaich MhicAoidh fada tuath
gu ruig thu Druim Uachdar nam bò,
gidheadh, na h-Eileanan Siar
’s i fhathast ann, ciad cainnt an t-sluaigh
Last edited by Coinneach Cìr on Mon May 26, 2008 10:58 pm, edited 3 times in total.