Page 1 of 3
An t-òran as fheàrr leibh?
Posted: Thu Sep 20, 2007 8:31 pm
by Stìophan
Dè an t-òran Gàidhlig as fheàrr agaibh uile riabh?
'S e
Chì mi'n Geamhradh le Runrig an t-òran as fheàrr agamsa

Posted: Thu Sep 20, 2007 9:39 pm
by miguel
'S toil leam Màiri le Runrig. 'S e an t-òran àlainn a tha ann. :oops:
Posted: Thu Sep 20, 2007 10:33 pm
by Bodach57
'S e Forever Young le Bob Dylan an t-òran as fheàrr agam.
No ‘Riamh nad leum’ a-rèir an eadar-theangachaidh a rinn Rody Gorman
http://www.hi-arts.co.uk/Arts-Journal/B ... Gaelic.pdf
‘Gun robh do làmhan dripeil is gun robh do chasan clis
Is làidir nuair a thèid à fradharc a’ ghrian a bha ris,
Gun gabh thu duan ‘s port-à-beul gu sunndach (is gu feum)
Is gun robh thu riamh nad leum,
Riamh nad leum, riamh nad leum,
Gun robh thu riamh nad leum.’
Posted: Fri Sep 21, 2007 8:37 am
by GunChleoc
Le Runrig, 's fhèarr leam Chì mi 'n Geamhradh cuideachd, agus An Toll Dubh, agus Sona.
Sna laithean seo, tha mi ag èisdeachd ri Griogair Labhruidh gu tric. Is toil leam Suibhal a' Choire, Àirde Chuain agus Seanduine Dóite/Bail Inbhir Aora gu h-àraidh.
Posted: Tue Sep 25, 2007 2:32 pm
by Fear Gallta
'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
Posted: Tue Sep 25, 2007 5:34 pm
by An Gobaire
'S toigh leam "Nuair a ràinig mi am baile" – òran Uibhisteach a chuala mi aig Julie Fowlis. Orain eile is math leam: Cànan nan Gàidheal, An t-Eilean mu Thuath, ‘S truagh nach do rugadh dall mi, Cearcal a’ Chuain, Oran Chaluim Sgàire, Màiri Nighean Dhòmhnaill…..obh obh, a bhalaich ort, tha an liosta seo gun chrìoch!
Posted: Sun Oct 28, 2007 10:21 pm
by neoni
Fear Gallta wrote:'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
fhathast mise. abair òran!
Posted: Sun Oct 28, 2007 10:51 pm
by Coinneach Cìr
'S e "Cànan nan Gàidheal" an amhran is fheàrr leam (sa Ghàidhlig), ach tha e gu math trom ceart gu leòr.
neoni wrote:Fear Gallta wrote:'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
fhathast mise. abair òran!
Saoilidh mi gur e "tha agus mise" a bha thu airson sgrìobhadh. Ach leis an fhìrinn innse bhiodh "'S toigh l' is leamsa" tòrr nas fheàrr. 
Posted: Sun Oct 28, 2007 10:55 pm
by neoni

mearachd gòrach, chan eil fhioss 'am na bha mi a' dèanamh
Posted: Sun Oct 28, 2007 10:58 pm
by Coinneach Cìr
neoni wrote:
mearachd g
hòrach, chan eil fhios 'am na bha mi a' dèanamh
Tha a h-uile duine a dèanamh mearachdan tric gu leòr 
Posted: Thu Nov 01, 2007 8:42 am
by GunChleoc
mear
achdan, a Choinnich.
QED
'S e òran brèagha a th' ann
Cànan nan Gàidheal 
Posted: Thu Nov 01, 2007 12:28 pm
by Coinneach Cìr
GunChleoc wrote:mear
achdan, a Choinnich.
QED

Tha sin àraid, bha dùil agamsa gun do rinn mi cinnteach gun robh an litreachadh ceart.
Quod Erat Demonstrandum? Nach ann agadsa a tha a' Ghàidhlig!
GunChleoc wrote:'S e òran brèagha a th' ann
Cànan nan Gàidheal 
'S e gu dearbh.
Posted: Thu Nov 01, 2007 6:25 pm
by Fear Gallta
neoni wrote:Fear Gallta wrote:'S toil leam "Óró, sé do bheatha 'bhaile". Ach tuigidh sibh gur e Gaelige seach Gàidhlig a th' ann.
fhathast mise. abair òran!
Oh aye, tha mi a' dol leatsa. 'S e òran air leth math a th' ann. Gu h-àraidh nuair a bhios Sinéad O'Connor ga sheinn. Seo ceangal:
Youtube 
Posted: Sun Nov 04, 2007 5:56 pm
by MartinMcNicol
Càit a bheil thu ag cluinn an t-òran " cànan nan Gàidheal"
Tha mi ag rannsaich am facal

Posted: Sun Nov 04, 2007 10:07 pm
by Coinneach Cìr
MartinMcNicol wrote:Càit a bheil thu ag cluinn an t-òran " cànan nan Gàidheal"
Càite an cluinn thu an t-òran "Cànan nan Gàidheal"?
Seo na faclan a bhios mise cleachdadh. Seinnidh mi e sa chlas Diardaoin. Chan fhaigh mi lorg air an eadar-theangachadh agus chan eil mi cinnteach ma tha an litreachadh buileach ceart. Cuideachd chan eil a h-uile rann ann.
Cha b’ e sneachda ’s an reothadh bho thuath
cha b’ e ’n crannadh geur, feur bhon ear
cha b’ e ’n uisge ’s an gailleann bhon iar
ach an galair a bhlian bhon deas
blàth, duilleach, stoc agus freumh
cànan mo threubh is mo shluaigh.
Sèist
Thuig thugainn, thuig còmh’ ruim gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nam Fèinn;
thuig thugainn, thuig còmh’ ruim gu Siar
gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal.
Uair a chìthear fear fèileadh sa ghleann
bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt.
Ach a spìon iad an fhreumh às an fhonn:
’n àite Ghàidhlig tha Cànan a’ Ghoill,
’s a’ Ghàidhealtachd, creathall nan sonn,
’s tìr “majors” is “colonels” ’n-diugh a th’ innt’.
“Thoir an nuas dhuinn na coinnlearan òir,
’s annta càribh na coinnlean geal’ cèir;
lasaibh suas iad an seòmar a’ bhròin,
taigh aire seann chànain a’ Ghàidheil.”
’S e siud o chionn fhad’ thuirt a nàmh,
ach fhathast tha beò Cànan nan Gàidheal
Ged a theich i le beath’ às na glinn,
ged nach cluinnear a-nis muigh san dùn
o dhùthaich MhicAoidh fada tuath
gu ruig thu Druim Uachdar nam bò,
gidheadh, na h-Eileanan Siar
’s i fhathast ann, ciad cainnt an t-sluaigh