
Mura bheil companaidh telebhisean a leithid seo deònach Gàidhlig a chleachdadh aig a h-uile ìre agus a h-uile turas a nochdas cothrom dhaibh - (gu h-àraidh nuair a tha iad a' cur stuth an àirde air a leithid duilleag Facebook Gàidhlig na h-Alba) carson a bu chòir do NHS Highland, comhairle na Gàidhealtachd no buidheann oifigeil no duine sam bith eile a Gàidhlig a chleachdadh sna gnothaichean aca no planaichean Gàidhlig a chur an gnìomh? Mura bheil a leithid seo ri fhaighinn sa Ghàidhlig cuideachd carson a bu choir do na h-ùghdarasan soidhnichean rathaid dà-chananach a chur an àirde?
Mura bheil daoine a tha a' togail airgid as a' Ghàidhlig deònach Gàidhlig a chleacdadh sa h-uile roinn den chuid obrach carson a bu chòir do duine sam bith eile a bhodraigeadh?
Carson a tha an t-sanasachd a tha seo a' toirt prìomhachas don Bheurla?
Seo far a bheil e:
http://www.facebook.com/topic.php?uid=2 ... opic=11437