Page 1 of 2
Club Leughaidh Fòram na Gàidhlig 2009/10?
Posted: Sun Sep 20, 2009 7:20 pm
by Gràisg
A chàirdean, bu toil leam a chur nur cuimhne ‘Club leughaidh’ a bha sinn a’ ruith an uiridh san àite seo agus roimhe sin thall a squashgaelic.org. An dà thuras a bha siud thug sinn sùil air ‘Dacha mo Ghaoil’. A-nis bhithinn-sa airson an t-aon rud fhaicinn a-rithist.
‘S ann mar seo a bhith sinn ga ruith.
Leughadh sinn caibideil gach seachdain agus bha coinneamhan skype againn far am biodh sinn ga leughadh agus a’ deasbad dad sam bith nach robh sinn a’ tuigsinn. Uaireannan bhiodh na deasbadan siud gan leantainn san roinn ghràmar agus àitichean eile.
A-nis a bheil ùidh agaibh an turas seo? Dè an leabhar as fhreagarrach dhuinn? Ceist sam bith eile agaibh?
Posted: Sun Sep 20, 2009 7:26 pm
by *Alasdair*
Bhiodh rudeigin mar seo sgoinneil. Dè mu dheidhinn "Gymnippers Diciadain"? 'S e leabhar math a th' ann.
Tha "Ùpraid" math cuideachd agus tha mi dìreach air toiseachadh "Samhraidhean Dìomhair".
Posted: Mon Sep 21, 2009 9:32 am
by GunChleoc
Tha mi air Gymnippers Diciadain a cheannachd. Tha e gu math mòr co-dhiù. Is dòcha gum biodh e nas fhreagarraiche dhuinn a bhith a' tòiseachadh le leabhar nas giorra - Slaightearan, 's dòcha, air neo sgeulachdan bhon Chlaigeann aig Damien Hirst?
Posted: Mon Sep 21, 2009 10:53 am
by *Alasdair*
Aidh, the GD gu math mòr. Tha "Ùpraid" nas giorra - 152 duilleagan. 'S e an leabhar as saoire a th' anns an t-sreath Ùr-sgeul cuideachd - £6.
Posted: Mon Sep 21, 2009 12:03 pm
by GunChleoc
Chan eil an leabhar seo agam fhathast a cheannaichinn mi e ma bhios sibh uile airson an leabhar seo a leughadh.
Posted: Mon Sep 21, 2009 1:31 pm
by Níall Beag
Cùine bhitheadh sinn a' tachairt?
Tha mi fhathast traing leis a Spainntis ach 's iomadach leabhar Gàidhlig a th' agam gun na leumhadh....
Posted: Mon Sep 21, 2009 1:38 pm
by Níall Beag
Oh, by the way: bigger is better.
Due to author style and the restricted topic of any given story, you encounter most of the "language" in a book somewhere around page 150.
So while someone with a restricted vocabulary would still have his head in the dictionary by the end of Dacha mo Ghaoil, he should only be looking up the dictionary very occassionally by the end of Gymnippers Diciadain.
Short stories are great for literary criticism classes, but not good for learners, because they've finished before you've learned a single word in them!
Posted: Mon Sep 21, 2009 2:52 pm
by Gràisg
Bhithinn airson a' toisicheadh sa chiadh seachdain den ath mhios. Coma leamsa den leabhar a bh'ann ach nan robh sinn a' leughadh 'An Claigeann' bhiodh cothrom agaibh ceistean a chur air ceithir de na sgriobhadairean a tha nam bhall den fhoram (chliùiteach) a tha seo
Posted: Tue Sep 22, 2009 8:59 am
by GunChleoc
Bu chòir dhuinn co-dhùnadh luath a ruigsinn mun leabhar co-dhiù nam biodh agam ris a cheannach ma-thà.
B' urrainn dhuinn tòiseachadh le sgeulachdan goirid gus am bi leth-bhreac an leabhair a leughas sinn aig a h-uile duine.
Posted: Tue Sep 22, 2009 10:33 am
by Gràisg
A bheil An Claigeann aig a h-uile duine? Dh'fhaodadh sinn a' toiseachadh le sgeulachd agus an uair sin... uill, dè mu dhèidhinn bhòt

Posted: Thu Sep 24, 2009 8:39 am
by GunChleoc
Saoilidh mi gum biodh seo freagarrach... an tòisich sinn leis a' chiad sgeulachd an Claigeinn?
Ceist cudromach eile - cuine? Saoilidh mi gum biodh Oidhcheannan Dòmhnaich freagarrach, air sgàth 's gum b' urrainn dhuinn an sgeulachd ullachadh air feadh an deireidh-sheachdaine. A bheil seo freagarrach do na h-uile duine no bheil molaidhean sam bith eile agaibh?
Posted: Thu Sep 24, 2009 12:58 pm
by *Alasdair*
Aidh, bidh sin fregarrach. Feumaidh mi an leabhar a ceannach ma-tha

Posted: Thu Sep 24, 2009 1:13 pm
by Gràisg
ok ma tha cgl dhomhsa

Posted: Fri Sep 25, 2009 5:45 am
by Tearlach61
Biodh ùidh agamsa pàirt a ghabhail ann agus tha leabhar agamsa agus tha mi ann gu ruige sia uairean feasgair ann an Alba. Mar as àbhaist, thèid sinn dhan eaglais 's 's ann air 9 uairean sa mhadainn a dh'fhàgas sin an taigh ann an Alasga.
Posted: Fri Sep 25, 2009 7:02 am
by GunChleoc
Dè mu dheidhinn 4mh dhen Dàmhair, 4f, àm Albannach? Am biodh seo freagarrach do na h-uile duine?