"Ach cha robh iad a-riamh cho brùideil seo"

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

"Ach cha robh iad a-riamh cho brùideil seo"

Unread post by Gràisg »

Latha luain Fèis "Blas"? Ach an taca le Cli agus CNSA bidh "Blas" fhathast faighinn airgid. Cha bhi na buidhnean ud a' faighinn dad sam bith bhon chomhairle san àm ri teachd. Seadh 'brùideil' ach seachad air brùideill do Cli agus CNSA!

'Tha deagh sheansa gun tèid an fhèis Blas à bith ri linn ghearraidhean a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh, a rèir stiùiriche Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig.

Dh'fhoillsich an t-ùghdarras ionadail gearradh de 30% air buidseat na fèise.

Tha dragh ann gun cuireadh gearradh mar sin stòrasan airgid eile airson na fèise ann an cunnart.

Dheadh na gearraidhean a chur an-sàs an ath-bhliadhna.

"Tha mise air a bhith a' dèanamh na h-obrach seo fad 18 bliadhna, agus tha sinn air fulang ri linn ghearraidhean ron uair seo," thuirt Mgr MacCarmaig, 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

"Ach cha robh iad a-riamh cho brùideil seo.'

tuilleadh an seo:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... feis.shtml
Post Reply