Na gearraidhean. Bhòt ball de Bòrd na Gàidhlig air an son!

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Na gearraidhean. Bhòt ball de Bòrd na Gàidhlig air an son!

Unread post by Gràisg »

Na gearraidhean – Bhòt ball de BnG air an son! (English below)

‘S e aon de na luchd-gairm aig Comhairle na Gàidhealtachd a th’ann an Micheal Foxley, an-diugh bhòt e airson gearraidhean de £12m aig Comhairle na Gaidhealtachd. Bidh na gearraidhean sin a’ bualadh gu mòr mòr air Gaidhlig agus cultar na Gaidhlig. Seo bhon Larach BBC:

‘Comhairle nan Sgoiltean Àraich agus CLI a' call a' mhaoineachaidh a gheibh iad bhon Chomhairle air fad.

Caillidh Fèis Rois, Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach 20% den mhaoineachadh aca bhon Chomhairle.

Agus caillidh Fèis Bhlas 30% de mhaoineachadh na Comhairle, a tha a' toirt air mòran creidsinn nach fhada a mhaireas i.

Falbhaidh sianar luchd-teagaisg Gàidhlig.’

Ceart gu leor faodaidh comhairliche sam bith a bhotadh mar a thogras iad ach cuir nur cuimhne gur e ball de Bhòrd na Gàidhlig a th’ann an Micheal Foxley.

Mur a bheil Mgr Foxley airson a làn taic a leigeil dhan Ghàidhlig carson a tha àite dha air a’ Bhòrd?


The Cuts – A member of Bòrd na Gàidhlig voted for them!

Micheal Foxley is one of the convenors at Highland Council, today he voted for £12 million pound’s worth of cuts at Highland Council. These cuts will hit Gaelic and Gaelic culture badly. The following from the BBC site.

‘CNSA and CLI losing all funding they get from the Council.

Fèis Rois, Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach losing 20% of their funding from the council.

And Fèis Blas losing 30% of funding from the Council, convincing many that it will soon go under.

Six Gaelic teachers will be lost.’

OK, any councillor can vote anyway they like but remember that Micheal Foxley is a member of Bòrd na Gàidhlig.

If Micheal Foxley isn’t willing to give his full support to Gaelic then why is there a place for him on the board?
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

breab :!:
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Na gearraidhean. Bhòt ball de Bòrd na Gàidhlig air an so

Unread post by Níall Beag »

Gràisg wrote:OK, any councillor can vote anyway they like but remember that Micheal Foxley is a member of Bòrd na Gàidhlig.

If Micheal Foxley isn’t willing to give his full support to Gaelic then why is there a place for him on the board?
Do you expect everyone in the Gaelic world to agree on everything?

If you want one unified position, scrap Bòrd-na-Gàidhlig and replace it with Rìgh na Ghàidhlig.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Nochdadh gu bheil aig C na G ri gearraidhean a dhèanamh. Uill smathaid nach eil iad deònach airson an council tax a mheudachadh co-dhiù. Is math a dh'fhaodte gum biodh sin nas fheàrr na dèanamh ghearraidhean, ach...

Mar sin, chan eil dòigh sam bith airson ceannard na Comhairle gearraidhean a dhiùltadh. Bidh mac an duine (is nighean na mnathan?) an seo ag aontachadh nach b' fheudar do dh'fhoghlam is cultar na Gàidhlig air an gearradh uiread 's a thachras, ach 's ann beagan neònach coire a chur air Mgr. Achadh a' Shionnaich, dìreach air sgàth 's gu bheil e na bhall de Bh na G.
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Unread post by Each »

Nauir a chiomhead mi air an cuspair, chuirinn an darna suil air...

Ann an doigh politigeach - se rud math a thachart air sgaths gu bheil e a fagail an naimhead nan geal gun facail ri radh mun canan.

Mura bheil an poiseactean gaidhlig pairt a gabhail na gearraidhean - bi upraid ann gun teagamh - toiseachidh an mor cuid na duine ag eisdeachd ri John Rosie agus an dhaione eile.

Mar a thachairt e - tha sinn a cumail taic bhon an mor cuid nan sluag agus mar sinn, ni sinn adhartas nad fhearr anns an bhliadhnaichean a tha romhainn.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

OK ma tha sibh deonach maitheanas a thoirt do Mgr F, ach nam bheachdsa cha robh na gearrraidhean don Ghàidhlig co-ionnan leis na gearraidhean don bheurla agus eagal a tha ormsa: bidh Comhairlee na Gàidhealtachd a thilleadh as t-fhogar gus gearraidhean eile de £36,000,000 a chur air dòigh. An e targaid fhurasta sa Gaidhlig?
A bharrachd air sin tha ceistean eile ag èirigh às a h-uile cail a tha seo- leugh na sgrìobh Alastair Caimbeul san Albannach an diugh - a bheil plana na Gàidhlig aig a' Chomhairle air an t-slighe dhan t-sitig?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Nam bheachdsa chan eil iad co-dhiù agus sin peacadh. Ach chan ann aig doras Mhgr. Foxglove a tha seo. 'S ann aig doras na Comhairle gu lèir a tha e.
Post Reply