Marks & Spencers: Ath-chuinge aig mobheurla.com

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Marks & Spencers: Ath-chuinge aig mobheurla.com

Unread post by Gràisg »

Chan ann gu tric a bhios mise a’ tadhal air mygaelic.com (cleachdaidh mi a fhìor ainm airson an fheadhainn nach eil eòlach air an fhar-ainm ud) Co-dhiù tha iad air athchuinge a chur air bhog gus Gàidhlig fhaighinn air na h-innealan ud a tha a’ cur dragh air mòran air sgath ‘s nach eil comas bruidhinn Gàidhlig aca. A-nis ‘s e deagh phìos sgrìobhaidh a tha gad tharraing gan artaigil seo:

‘Chan e annas a th’ anns na cobhanan-airgid a-nis far am faod thu frithealadh ort fhèin ann am mòr-bhùithtean na dùthcha. Ge-tà, tha luchd-ceannach Gàidhlig ann an Inbhir Nis air gearan a thogail mu na cobhanan-airgid fèin-fhrithealaidh sa bhùth Marks is Spencer sa bhaile. Faodaidh luchd-ceannach Beurla, Frangais, Pòlanais, Gearmailtis, Spàinntis, agus fiù ’s Cuimris a roghnachadh – ach chan fhaod Gàidhlig!

Faodaidh luchd-ceannach aig Marks is Spencer grunn chànanan Eòrpach a roghnachadh, ach chan fhaod iad aon na de cànanan aca fhèin. Thuirt M & S gun gabhadh e a dhèanamh roghainn Ghàidhlig a chur ann, ach ma tha sin a’ dol a thachairt, dh’fheumadh iarraidh a bhith ann airson a leithid. Briog an seo gus an alt-naidheachd mu dheidhinn na cùise seo a leughadh.
Innis dhuinn dè do bheachd mun seo... fàg do bheachdan gu h-ìosal! Cuideachd, ma tha thu a’ smaoineachadh gum bu chòir Gàidhlig a bhith ri fhaotainn mar roghainn air na cobhanan-airgid fèin-fhrithealaidh seo aig M & S ann an Inbhir Nis, briog an seo gus d’ ainm a chur ri ar n-athchuinge. Cò aig a tha fios... dh’fhaodadh gun toirear ceum beag eile a dh’ionnsaigh saoghal Gàidhlig.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.’


Math fhèin sgioba mobheurla.com! Ach aon uair ‘s gun tèid thu ann air an duilleag athchuinge (tha sin ri fhaighinn air làrach eile) gheibhear ‘Make Gaelic an option / Gàidhlig mar roghainn’ agus faclan beurla ‘The petition’, carson nach eil an t-aon sàr mhìneachadh ri leughadh an sin cuideachd? Cha do chuir ach sia air fhichead dhaoine an cuid ainm ris gu ruigeadh seo, a’ chiad fear aca air an 28mh den fhaoilleach.

Dh’fhaodadh seo a bhith na dheagh iomairt, nan robh bharrachd den leithid ann saoilidh mi gum biodh fada a bharrachd daoine a’ tadhal air mobheurla.com ach carson nach do chuir iad fiosrachadh mi a dheidhinn an àirde sa h-uile àite eile far a bheil gàidhlig ga cleachdadh air an eadra-lìn? Gheibhear ballrachd de 1,000 air Facebook soidhnichean dà-chànanach mar eisimpleir agus 1,650 sa buidheann Facebook eile Gàidhlig na h-Alba. Carson nach do chuir iad fiosrachadh mu cuairt twitter, iomairtean, abair thusa, an t-àite seo? A-nis nach eil luchd-obrach làn ùine air mobheurla.com? Nach dh’fhaodadh iad sin a dhèanamh ? Saoilidh mi gu bheil goireas deasaiche ri fhaighinn air na làraichean athchuinge ud, agus cha bu chòir do teachdaireachd ‘GET A BLOODY GRIP YOU GAELIC TWATS on Jan 28, 2010’ fhathast a bhith ann.

Dè ur bheachdan a chàirdean, am b’ fhiach e ar taic a thoirt den athchuinge seo?


Fiosrachadh air mobheurl.com
http://www.mygaelic.com/contents/view/194/ll:gd3

Duilleag athchuinge
http://www.ipetitions.com/petition/gaelictills/
treaclemine
Posts: 72
Joined: Sun Nov 15, 2009 11:22 am
Language Level: Neach-toiseach
Location: Sasann
Contact:

Tha i briste?

Unread post by treaclemine »

http://www.ipetitions.com/petition/gaelictills/

Chan eil mi i a' fhaicinn le Safari, ach tha mi a' fhaicinn le Firefox.
Post Reply