Planaichean ùra dhan Ghàidhlig

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Planaichean ùra dhan Ghàidhlig

Unread post by *Alasdair* »

http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/8621944.stm

15% a bharrachd chlann a' dol a-steach do sgoiltean gach bliadhna na tha an-dràsta. Ach dè sgoiltean a bhios seo? Chan eil ach dà ann agus tha e làn mar-tha...
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig

Unread post by GunChleoc »

Is dòcha gun cuir iad roinn Gàidhlig air bonn ann an sgoiltean Beurla a tha ann mar-thà.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig

Unread post by faoileag »

Mar as àbhaist bi Art a' bruidhinn dìreach agus freagarrach. :moladh:

Agus bha Alasdair Allan, MSP Eileanan Siar, ag ràdh an aon rud anns an deasbad anns a' Phàrlamaid fhèin - anns a' Ghàidhlig. :D

http://www.stornowaygazette.co.uk/news/ ... 6231117.jp
ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 10:27 pm

Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig

Unread post by ArtMacCarmaig »

Alasdair: Tha sinn ag amas air 15% a bhrarrachd bliadhna an dèidh bliadhna ann an sgoiltean agus ionadan Gàidhlig. Tha sinn cuideachd ag amas air an àireamh de sgoiltean Gàdhilig àrdachadh bho 2 gu 6. Gheibh sibh am plana an seo http://www.gaidhlig.org.uk/Downloads/Gi ... 0-%20G.pdf
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig

Unread post by Each »

As deidh ga leughadh (gu math luath feumaidh mi aideachadh), chan faca mi cail as ur dhomhsa. :chachreid:

Tha h-uile cail bun os cionn - Sann ag obair leis an riaghaltas a tha an aite as fhearr leis a'bhord ann an aite nan choimhearnseachd !

Tha a bhord aig obair sios bhon mullach, a cleachdadh am bat mhor air an dhaoine, S'fhearr a bith aig obair suas bhon bonn tha mi smaointean son cridhe agus inntinn a bhuannachadh.

Barrachd sgoiltean, agus clasaichean Ulpan, osna - ach de mun cothroman bruidheann sna choimhearsneachd agus ga cleachdadh sna aite-obrach - an obair dha-rireabh ga deanamh leis an dhaoine nan soar thoileach gun taic no taing. (na bith bruidheann mu duaisean)

Tha mi bhruidheann mun gniomhachas priomhadaich a deanamh obair abhaisteach ann an aite na dreuchdan pobalach leasachaidh canan nan oifisean agus an cnap airgead a dol gu luchd-choimhairle agus luchd-cubhnant gun facail gaidhlig.

Se mo bheadhsa co -dhui - s docha gum bith e nas freagarrach son a' dhaoine eile.
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig

Unread post by Níall Beag »

Och, a Eich,

Tha Ùlpan a' deanamh fior mhath mar tha e -- chan eil dhith barrachd taic an-drasta. Tha e air a thaghadh mar "single supplier" ann am plànaichean nan comhairlean, tha barrachd is barrachd luch-oide ann.

Far a bheil ùidh, 's ann a bhios clas Ùlpan.

Ach carson Ùlpan? Dé tha cho cudtromach no cho eificeach ann an Ùlpan nach eil anns na clasaichean neo-eiseamalach anns na sgoiltean-oidhche agus na oilthighean?
Each
Posts: 87
Joined: Sat Dec 27, 2008 5:29 pm

Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig

Unread post by Each »

Ge brith de cho math sa tha an classaichean Inbhich, Sann leis a chlann / oigridh/ ath-ginnealach gum bith an co-dhunadh mu dheireadh air Gaidhlig anns an am ri teachd.

Chan eil cothroman gu leor aig chlann son a bith bhruidheann a mach as a sgoil - no cultar gaidhlig a faicainn ach air BBC Alba.

Gun teagamh sam bith, Se buaidh orm gu bheil caraidean gaidhlig timicheall orm, or cha bith mi ga cluintinn idir (no mo chloinne).

Bith an miltean de chlann a dol tron Foghlam Meadhan Gaidhlig air cail gun crathadh mhor air an arrainneachd toabh a muigh gach sgoil a togail uidh na chlann anns an gaidhlig mar canan beothail, coimhearsneachdail.

Feumaidh sinn luchd-obraich deonach ag obair le chlann ann an aite na barachd luchd-rainachd. Cha bith e cho cosgail nas motha. :urnaigh:
Post Reply