Page 1 of 1
Planaichean ùra dhan Ghàidhlig
Posted: Thu Apr 15, 2010 3:34 pm
by *Alasdair*
http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/8621944.stm
15% a bharrachd chlann a' dol a-steach do sgoiltean gach bliadhna na tha an-dràsta. Ach dè sgoiltean a bhios seo? Chan eil ach dà ann agus tha e làn mar-tha...
Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig
Posted: Fri Apr 16, 2010 7:48 am
by GunChleoc
Is dòcha gun cuir iad roinn Gàidhlig air bonn ann an sgoiltean Beurla a tha ann mar-thà.
Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig
Posted: Fri Apr 16, 2010 11:20 pm
by faoileag
Mar as àbhaist bi Art a' bruidhinn dìreach agus freagarrach.
Agus bha Alasdair Allan, MSP Eileanan Siar, ag ràdh an aon rud anns an deasbad anns a' Phàrlamaid fhèin - anns a' Ghàidhlig.
http://www.stornowaygazette.co.uk/news/ ... 6231117.jp
Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig
Posted: Sat Apr 17, 2010 11:36 pm
by ArtMacCarmaig
Alasdair: Tha sinn ag amas air 15% a bhrarrachd bliadhna an dèidh bliadhna ann an sgoiltean agus ionadan Gàidhlig. Tha sinn cuideachd ag amas air an àireamh de sgoiltean Gàdhilig àrdachadh bho 2 gu 6. Gheibh sibh am plana an seo
http://www.gaidhlig.org.uk/Downloads/Gi ... 0-%20G.pdf
Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig
Posted: Sun Apr 18, 2010 9:48 pm
by Each
As deidh ga leughadh (gu math luath feumaidh mi aideachadh), chan faca mi cail as ur dhomhsa.
Tha h-uile cail bun os cionn - Sann ag obair leis an riaghaltas a tha an aite as fhearr leis a'bhord ann an aite nan choimhearnseachd !
Tha a bhord aig obair sios bhon mullach, a cleachdadh am bat mhor air an dhaoine, S'fhearr a bith aig obair suas bhon bonn tha mi smaointean son cridhe agus inntinn a bhuannachadh.
Barrachd sgoiltean, agus clasaichean Ulpan, osna - ach de mun cothroman bruidheann sna choimhearsneachd agus ga cleachdadh sna aite-obrach - an obair dha-rireabh ga deanamh leis an dhaoine nan soar thoileach gun taic no taing. (na bith bruidheann mu duaisean)
Tha mi bhruidheann mun gniomhachas priomhadaich a deanamh obair abhaisteach ann an aite na dreuchdan pobalach leasachaidh canan nan oifisean agus an cnap airgead a dol gu luchd-choimhairle agus luchd-cubhnant gun facail gaidhlig.
Se mo bheadhsa co -dhui - s docha gum bith e nas freagarrach son a' dhaoine eile.
Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig
Posted: Mon Apr 19, 2010 12:14 pm
by Níall Beag
Och, a Eich,
Tha Ùlpan a' deanamh fior mhath mar tha e -- chan eil dhith barrachd taic an-drasta. Tha e air a thaghadh mar "single supplier" ann am plànaichean nan comhairlean, tha barrachd is barrachd luch-oide ann.
Far a bheil ùidh, 's ann a bhios clas Ùlpan.
Ach carson Ùlpan? Dé tha cho cudtromach no cho eificeach ann an Ùlpan nach eil anns na clasaichean neo-eiseamalach anns na sgoiltean-oidhche agus na oilthighean?
Re: Planaichean ùra dhan Ghàidhlig
Posted: Mon Apr 19, 2010 1:10 pm
by Each
Ge brith de cho math sa tha an classaichean Inbhich, Sann leis a chlann / oigridh/ ath-ginnealach gum bith an co-dhunadh mu dheireadh air Gaidhlig anns an am ri teachd.
Chan eil cothroman gu leor aig chlann son a bith bhruidheann a mach as a sgoil - no cultar gaidhlig a faicainn ach air BBC Alba.
Gun teagamh sam bith, Se buaidh orm gu bheil caraidean gaidhlig timicheall orm, or cha bith mi ga cluintinn idir (no mo chloinne).
Bith an miltean de chlann a dol tron Foghlam Meadhan Gaidhlig air cail gun crathadh mhor air an arrainneachd toabh a muigh gach sgoil a togail uidh na chlann anns an gaidhlig mar canan beothail, coimhearsneachdail.
Feumaidh sinn luchd-obraich deonach ag obair le chlann ann an aite na barachd luchd-rainachd. Cha bith e cho cosgail nas motha.
