Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 16 - 'S gorm na cnuic a tha fada bhuainn.

Posted: Tue Jun 01, 2010 11:30 am
by An Gobaire
'S gorm na cnuic a tha fada bhuainn.

Chan eil e cho doirbh obrachadh a-mach dè an sean-fhacal Beurla ris a bheil an sean-fhacal Gàidhlig seo coltach. Nam bharail fhìn tha e nas fhasa a chleachdadh na "Chithear iteachan brèagha air eòin fad' às".

Beurla: The grass is always greener on the other side.

Saoil an innseadh luchd-ionnsachaidh eile dhuinn dè na sean-fhaclan a th' aca sa chànan mhàthaireil aca fhèin a tha coltach ris an dà abairt seo?