Ceannard ùr BnaG a' bruidhinn

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Ceannard ùr BnaG a' bruidhinn

Unread post by faoileag »

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... bnag.shtml
"Chan eil mi a' smaoineachadh gun tig àrdachadh anns a' bhliadhna no dhà romhainn," thuirt Mgr MacAoidh.

"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil uidhir de dhaoine a tha a' bruidhinn na Gàidhlig aig seann aois agus a' tuiteam air falbh, agus nach eil sinn a' cur nan àite fhathast gu leòr dhaoine òga.

"Ach tha mi a' smaoineachdainn thairis air an deich bliadhna a tha romhainn, gum faic sinn a' chùis a' cothromachadh agus an uair sin a' togail air," thuirt e.
Dè ur beachd? :?:
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Ceannard ùr BnaG a' bruidhinn

Unread post by Gràisg »

Chan eil dad as ùr leis a sin, nach eil sin mar phairt den phlana mu thràth? Bidh tuilleadh clann ag ionnsachadh Gàidhlig sna sgoiltean ach am bi iad a' cleachdadh an cuid Gàidhlig taobh a-muigh geataichean na sgoile? Cait am faigh iad coimhearsnachd - beachd aig a' cheannard ùr?
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Ceannard ùr BnaG a' bruidhinn

Unread post by Seonaidh »

ceàrr, ach... wrote:"Chan eil mi a' smaoineachadh gun tig àrdachadh anns a' bhliadhna no dhà romhainn," thuirt Mgr Camshron.

"Tha mi a' smaoineachdainn gum bi uidhir de dhaoine a tha ag obair a-nis a' dol air chluaineas, agus nach eil sinn a' cur nan àite fhathast gu leòr dhaoine òga.

"Ach tha mi a' smaoineachdainn thairis air an deich bliadhna a tha romhainn, gum faic sinn a' chùis a' cothromachadh agus an uair sin a' togail air," thuirt e.
A bheil cuimhne agaibh air "Ann Elk's Theory of the Brontesaurus"? Dè bha sin - beag an toiseach, an sin gu leòr mòr, agus an dèidh sin beag a-rithist. Rudeigin mar sin. Chan fhaod sinn sin a chluinntinn - seadh, 's e an fhìrinn a th' ann, ach, mar a thuirt Gràisg, dè as ùr? Tha lycée an Lunnainn - ach chan eil na Lunnainnich a' bruidhinn mòran Fhraingis. Sgoiltean - chan eil iad ach pàirt den fhreagairt. Gun choimhearsnachd, cha shoirbhich sgoiltean Gàidhlig idir. Sin e, mar charbad ath-bheòthachadh na Gàidhlig. 'S e coimhearsnachd Ghàidhlig an tè air a bheil feum. Ach ciamar? Far nach eil coimhearsnachd Ghàidhlig an-diugh, ciamar a tha cruthachadh tè? Agus tè gu nàdarra, tè gun fhèin-mhothachadh, gun bhrèigeachd?

Beachdan?
Post Reply