Page 1 of 1
Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Thu Oct 28, 2010 8:25 am
by Gràisg
A chàirdean,
Tha mi nam bhall de bhuideann ann an Inbhir Narann a tha am impis làrach lìos a chur air bhog. Bidh seo an dàrna fear sa bhaile seo agus fhuair mi aonta gus soidhne dà-chananach a chuir air an turas seo. A-nis, airson 'Nairn Allotment Society - MIll Road site' an dèan na leanas a' ghnothach?
Comann nan Lios Inbhir Narann - Ionad Rathad a' Mhullein
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Thu Oct 28, 2010 11:39 am
by Níall Beag
Tha ionad a' faireachdan beagan neònach dhomh (oirm?), air sgàths gu bheil e air móran toglaichean mar "centre" agus air sraidean mar "place". Ma eadar-theangachas mi "Ionad Rathad a' Mhuilean" gu Beurla, 's e "Mill Road Place" no "Mill Road Centre" a bhiodh agam.
Dé mu dheidhinn "àrainn", facal a tha air "campuses" SMO?
Agus 's e "garden" a th' air "lios" -- it the circumstances, you would want a more specific term. Tha "cuibhreann" ann an Dwelly, ach dé am facal a bhios iad a clachdadh airson nan "potato patches" anns na maichrichean?
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Thu Oct 28, 2010 11:58 am
by akerbeltz
Chan eil càil cearr air "cuibhreann" san t-seagh seo. Chan eil "àrainn" a' gabhail a-steach aiteachas, gu mì-fhortanach.
Ma-thà, Comann Cuibhreannan Inbhir Narann - Làrach Rathad a' Mhuilinn?
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Thu Oct 28, 2010 2:00 pm
by Gràisg
TL Akerbeltz, tha Comann nan Lios ann mu thràth ann an Inbhir Nis ach 's toil leim Comann Cuibhreannan agus cha robh mi cinnteach mu dheidhinn 'làrach' sa chiad dol a-mach. Bhiodh sin taghta, cuiridh mi dealbh an àirde nuair a thig a hi-uile càil gu buil.
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Thu Oct 28, 2010 2:46 pm
by akerbeltz
Sdbh. Dhèanadh "raon" a' chùis cuideachd - bheil còd puist agad son an àite? 'S dòcha gu bheil rudeigin nas fhearr ann.
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Thu Oct 28, 2010 8:48 pm
by Gràisg
Bhuail e orm gu h-obann
Dìreach taobh thall an rathaid bhon làrach gheibhear an soidhne a tha seo. A-rèir coltais nochd e nuair a chaidh taigh a thogail faisg air làimh sna leth-ceudan.
Gu ruige seo cha do thachair mi air duine sam bith le eòlas minideach air a shon. Thuirt cuideigin rium gur e seann seann chladh a bh'anns an làrach againn (tha cladh nas òige ri a thaobh). 'S ann ri taobh na h-aibhne a tha seo agus a-rèir cuid san t-seann aimsir chaidh grunn den cuirp leis an abhainn. Làrach Tobar Loch na Spioraid? Bhiodh agam a' dol air ais dhan chomitaidh. Ainm beurla agus ruideigin gu tur diofraichte sa Ghàidhlig?

Chì sinn dè thachras.
blogging261 by
gurnnurn.com pictures, on Flickr
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Thu Oct 28, 2010 10:09 pm
by akerbeltz
Mo chreach

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Fri Oct 29, 2010 2:14 pm
by GunChleoc
Is toil leam e. Tha e nas inntinniche na Mill Road!
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Fri Oct 29, 2010 10:26 pm
by akerbeltz
Cha toigh leam-sa ... tha seo do-chreidsinneach, bu chòir dhuinn litir a sgrìobhadh gun chomhairle...
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Sat Oct 30, 2010 10:49 am
by GunChleoc
Uill is toil leam an ainm. 'S e ceist eile a th' ann co-dhiù a bheil e freagarrach rudeigin ùr a thogail air seann chladh.
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Sat Oct 30, 2010 1:16 pm
by akerbeltz
Ach chan eil mearachd litreachaidh sam bith air an t-soidhne

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Sat Oct 30, 2010 6:32 pm
by Thrissel
akerbeltz wrote:Ach chan eil mearachd litreachaidh sam bith air an t-soidhne

An e ceist a tha ann? Oir tha Watson agus Mark ag ràdh gur ann fireannach a tha
spiorad, 's mar sin bu chòir dha a bhith
'tobar loch an spioraid' no
'tobar loch nan spiorad(an?)' 
Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm
Posted: Sat Oct 30, 2010 8:14 pm
by akerbeltz
LOL deagh phuing, feumaidh mi aideachadh nach do mhothaich mi dha. Aidh, 's e facal fireann a th' ann (cf an ainm an athar, a' mhic agus an spioraid naoimh...). Ok tha mearachd air, tha mi faireachdainn nas fhearr a-nis!
