Eadar-theangachadh a dhìth orm

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by Gràisg »

A chàirdean,
Tha mi nam bhall de bhuideann ann an Inbhir Narann a tha am impis làrach lìos a chur air bhog. Bidh seo an dàrna fear sa bhaile seo agus fhuair mi aonta gus soidhne dà-chananach a chuir air an turas seo. A-nis, airson 'Nairn Allotment Society - MIll Road site' an dèan na leanas a' ghnothach?
Comann nan Lios Inbhir Narann - Ionad Rathad a' Mhullein
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by Níall Beag »

Tha ionad a' faireachdan beagan neònach dhomh (oirm?), air sgàths gu bheil e air móran toglaichean mar "centre" agus air sraidean mar "place". Ma eadar-theangachas mi "Ionad Rathad a' Mhuilean" gu Beurla, 's e "Mill Road Place" no "Mill Road Centre" a bhiodh agam.

Dé mu dheidhinn "àrainn", facal a tha air "campuses" SMO?

Agus 's e "garden" a th' air "lios" -- it the circumstances, you would want a more specific term. Tha "cuibhreann" ann an Dwelly, ach dé am facal a bhios iad a clachdadh airson nan "potato patches" anns na maichrichean?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by akerbeltz »

Chan eil càil cearr air "cuibhreann" san t-seagh seo. Chan eil "àrainn" a' gabhail a-steach aiteachas, gu mì-fhortanach.

Ma-thà, Comann Cuibhreannan Inbhir Narann - Làrach Rathad a' Mhuilinn?
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by Gràisg »

TL Akerbeltz, tha Comann nan Lios ann mu thràth ann an Inbhir Nis ach 's toil leim Comann Cuibhreannan agus cha robh mi cinnteach mu dheidhinn 'làrach' sa chiad dol a-mach. Bhiodh sin taghta, cuiridh mi dealbh an àirde nuair a thig a hi-uile càil gu buil.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by akerbeltz »

Sdbh. Dhèanadh "raon" a' chùis cuideachd - bheil còd puist agad son an àite? 'S dòcha gu bheil rudeigin nas fhearr ann.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by Gràisg »

Bhuail e orm gu h-obann :beachd: :naire:
Dìreach taobh thall an rathaid bhon làrach gheibhear an soidhne a tha seo. A-rèir coltais nochd e nuair a chaidh taigh a thogail faisg air làimh sna leth-ceudan.
Gu ruige seo cha do thachair mi air duine sam bith le eòlas minideach air a shon. Thuirt cuideigin rium gur e seann seann chladh a bh'anns an làrach againn (tha cladh nas òige ri a thaobh). 'S ann ri taobh na h-aibhne a tha seo agus a-rèir cuid san t-seann aimsir chaidh grunn den cuirp leis an abhainn. Làrach Tobar Loch na Spioraid? Bhiodh agam a' dol air ais dhan chomitaidh. Ainm beurla agus ruideigin gu tur diofraichte sa Ghàidhlig? :) Chì sinn dè thachras.

Image
blogging261 by gurnnurn.com pictures, on Flickr
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by akerbeltz »

Mo chreach :mc:
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by GunChleoc »

Is toil leam e. Tha e nas inntinniche na Mill Road!
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by akerbeltz »

Cha toigh leam-sa ... tha seo do-chreidsinneach, bu chòir dhuinn litir a sgrìobhadh gun chomhairle...
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by GunChleoc »

Uill is toil leam an ainm. 'S e ceist eile a th' ann co-dhiù a bheil e freagarrach rudeigin ùr a thogail air seann chladh.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by akerbeltz »

Ach chan eil mearachd litreachaidh sam bith air an t-soidhne :mc:
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by Thrissel »

akerbeltz wrote:Ach chan eil mearachd litreachaidh sam bith air an t-soidhne :mc:
An e ceist a tha ann? Oir tha Watson agus Mark ag ràdh gur ann fireannach a tha spiorad, 's mar sin bu chòir dha a bhith 'tobar loch an spioraid' no 'tobar loch nan spiorad(an?)' :?:
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1783
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Eadar-theangachadh a dhìth orm

Unread post by akerbeltz »

LOL deagh phuing, feumaidh mi aideachadh nach do mhothaich mi dha. Aidh, 's e facal fireann a th' ann (cf an ainm an athar, a' mhic agus an spioraid naoimh...). Ok tha mearachd air, tha mi faireachdainn nas fhearr a-nis! 8-)
Post Reply