Dè thachair don làrach An Gàidheal Ur?

Càil sam bith eile / Anything else
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Dè thachair don làrach An Gàidheal Ur?

Unread post by Gràisg »

'S e goireas air leth a bh'ann sna PDF's den Gàidheal Ur, gu h-àraidh do duine sam bith a' lorg deagh phìosan sgrìobhaidh.
Chan eil sgeul air an dràsta ach teachdaireachd neònach beurla:"under construction"
http://www.an-gaidheal-ur.co.uk/
An do chaochail e buileach glan a-nis no an till e san àm ri teachd? A bheil fhios aig duine sam bith? Faodaidh tu a ràdh gu bheil gainnead de ghoireasan den leithid ann mu thràth agus mas tèid e a sealladh gu bràth siorraidh, uill..bhiodh sin na chall uabhasach.
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Dè thachair don làrach An Gàidheal Ur?

Unread post by AlasdairBochd »

Gu-fortanach bha mi anns a' "Boy Scouts" nuair a bha mi òg. "Be Prepared" canaidh iad.
Seall air http://web.archive.org/web/*/http://www ... l-ur.co.uk
Air neo tha tri irisean air dà fhichead agam bho Gearran '05 gu Mart '09 mar PDF. Tha 66.0 MB annta.
Dè nì mi leotha? An cuir mi iad mar ZIP air an làrach agam? :priob:
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Dè thachair don làrach An Gàidheal Ur?

Unread post by Gràisg »

Sin thu fhèin Alasdair, ‘s math a rinn thu. Bhiodh e math nan robh iad fhaighinn air an làrach agad. Dh’fhaodadh sin ceangal a chur suas air an roinn ‘iomradh agus ceanglaichean' againn.

Dh’fheuch mi ri fear aca a chur suas mar google.doc
https://docs.google.com/viewer?a=v&pid= ... 3&hl=en_GB
Tha agad ri cluich ris am meud agus feumaidh tu a bhith foighidneach gus am bi sealladh mhath air ach gabhaidh a leughadh.
Nuair a nochdas cothrom cuiridh mi fear no dhà eile an àirde
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Dè thachair don làrach An Gàidheal Ur?

Unread post by AlasdairBochd »

Seo an ceangal
http://www.jdshearer.com/gaidheal_ur
luchdaich a-nuas am faidhle "zip" agus bidh a h-uile ann.
Mairidh an ceangal fad dà sheachdain
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Dè thachair don làrach An Gàidheal Ur?

Unread post by Gràisg »

Tl tha iad agam Alasdair :)
Post Reply